Deasbad mu Burns is Scots am Pàrlamaid na h-Alba #gàidhlig


Tha sinn an dòchas gun robh deagh oidhche Burns aig a h-uile duine a raoir!

Ma thig thu dhan Phàrlamaid, chì thu gu leòr rannan agus dealbhan den Bhàrd Nàiseanta air feadh an togalaich.

Tha ainm Burns air fear de na seòmraichean comataidh, mar eisimpleir. Tha e gu math iomchaidh gu bheilear a’ beachdachadh air poileataigs ann an seòmar a fhuair a ainm bho fhear a bha cho deidheil air sgrìobhadh air poileataigs e fhèin!

burns-room

Agus seo obair ealain a th’ againn anns a’ Phàrlamaid:

burns

An-dè air co-latha-breith a’ Bhàird Nàiseanta, bha deasbad anns a’ Phàrlamaid mu Burns fhèin agus mun Scots.

Chualas tòrr Scots san t-Seòmar an dè, a’ gabhail a-steach làn òraidean san Scots airson a’ chiad turas riamh ann am Pàrlamaid na h-Alba air deasbad ann an Gnothaichean Bhall. Ma chaill thu an deasbad, faodaidh tu a leughadh ann an Aithisg Oifigeil na Pàrlamaid.

Bha na Buill a’ deasbad air a’ ghluasad seo:

burns-3

Alasdair

gaidhlig@parliament.uk

Pàrlamaid na h-Alba a’ taghadh nam Ministearan an-diugh #gàidhlig


‘S e seachdain gu math cudromach a th’ air a bhith ann ann am Pàrlamaid na h-Alba an t-seachdain seo.

Chaidh Prìomh Mhinistear na h-Alba a thaghadh Dimàirt. Faodar coimhead air a’ bhideo aig:

Agus tha an Aithisg Oifigeil airson na coinneimh ri fhaighinn cuideachd.

An-diugh (Diardaoin 19), thèid Ministearan a thaghadh leis a’ Phàrlamaid.

Tòisichidh Gnothaichean san t-Seòmar aig 2f.

Thèid Rùnairean Caibineit is Ministearan ann an Riaghaltas na h-Alba a thaghadh leis a’ Phrìomh Mhinistear. Ainmeachaidh am Prìomh Mhinistear a molaidhean airson ministearan agus bhòtaidh a’ Phàrlamaid air seo. Thèid na molaidhean a chur dhan Bhanrigh an uair sin airson aonta.

Airson barrachd fiosrachaidh airson a’ phròiseas gus Ministearan na chur an Gnìomh, faic an làrach-lìn againn.

Nas fhaide air adhart an-diugh, thèid buill de Bhuidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a thaghadh cuideachd. Tha a’ Bhuidheann Chorporra an urra ri bhith dèanamh cinnteach gum faigh a’ Phàrlamaid an t-seilbh, an luchd-obrach agus na seirbheisean a tha a dhìth oirre.

Alasdair

Alasdair.maccaluim@scottish.parliament.uk

Taghadh a’ Phrìomh Mhinisteir an-diugh #gàidhlig


Dh’aithris sinn air taghadh an Oifigear Riaghlaidh Diardaoin sa chaidh.

A bharrachd air Ken Mac an Tòisich a bhith air a thaghadh mar Oifigear Riaghlaidh, chaidh Linda Fabiani BPA agus Cairistiona Ghreumach a thaghadh mar leas-oifigearan Riaghlaidh.

13178939_956694244429002_4918836855817833198_n

An-diugh (Dimàirt 17 Cèitean), thèid Prìomh Mhinistear ùr a thaghadh. Faodar coimhead air seo beò air TBh na Pàrlamaid bho 2f.

Tha barrachd fiosrachaidh mun taghadh ri fhaighinn air làrach-lìn na Pàrlamaid.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk