Tha Pàrlamaid na h-Alba a’ cumail co-chomhairle air-loidhne an-dràsta mu chom-pàirteachadh coimhearsnachd.

A bheil thu airson cumadh a thoirt air Pàrlamaid na h-Alba agus mar a dh’obraicheas i le muinntir na h-Alba anns an àm ri teachd?
Faodaidh tu seo a dhèanamh le bhith a’ gabhail pàirt ann an deasbad air-loidhne mu chom-pàirteachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba : https://engage.parliament.scot/community/8795
Tha a’ Phàrlamaid air a bhith a’ ruith rannsachadh air com-pàirteachadh poblach. Mar phàirt den rannsachadh chaidh Panail Shaoranach air Com-pàirteachadh a stèidheachadh.
Tha am Pannal Shaoranach air Com-pàirteachadh air an aithisg aca fhoillseachadh agus tha iad air 17 molaidhean a dhèanamh dhan Chomataidh Com-pàirteachadh Shaoranach agus Athchuingean Poblach air leasachadh mar a tha obair Pàrlamaid na h-Alba a’ gabhail a-steach, a’ nochdadh, agus a’ coinneachadh ri feumalachdan nan coimhearsnachdan uile a tha i a’ riochdachadh, le fòcas air leasachadh conaltradh dhaibhsan aig nach eil riochdachadh gu leòr an-dràsta.
Tha molaidhean a’ phanail a’ gabhail a-steach leasachadh com-pàirteachadh coimhearsnachd, mar a bhios a’ Phàrlamaid a’ cleachdadh deamocrasaidh deasbaid, com-pàirteachadh a’ phobaill ann an gnothach na Pàrlamaid agus an dòigh a bhios a’ Phàrlamaid a’ conaltradh ri agus ag oideachadh a’ phobaill mun obair aice.
Tha a’ Chomataidh a-nis air aithisg eadar-amail fhoillseachadh agus air co-chomhairle a chur air bhog air ùrlar Your Priorities aig Pàrlamaid na h-Alba a’ sireadh bheachdan air dè na molaidhean air am bu chòir prìomhachas a chur agus dè a dh’fheumar a dhèanamh gus an lìbhrigeadh.
Tha sinn gu mòr airson beachdan coimhearsnachd na Gàidhlig a chluinntinn agus thathar a’ cur fàilte air beachdan na Gàidhlig.
Bidh an deasbad air-loidhne fosgailte gu 10 Gearran 2023
Alasdair MacCaluim
alasdair.maccaluim@parliament.scot