Às dèidh co-chomhairle, tha Liz Nic a’ Ghobhainn BPA air am moladh deireannach aice airson Bile Buill a chur a-steach gus dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig òigridh air foghlam a-muigh: Bile Sgoiltean (Foghlam Còmhnaidh a-muigh) (Alba):
Moladh airson Bile gus dèanamh cinnteach gum faigh daoine òga, gu sònraichte sa chiad cheithir bliadhna den àrd-sgoil, cothrom foghlam còmhnaidh a-muigh fhaighinn aig inbhe foghlaim aontaichte.
Faodar am bile agus geàrr-chunntas air a’ cho-chomhairle a leughadh sa Ghàidhlig air làrach-lìn a’ Bhile.

Fhuaireadh grunn fhreagairtean mu fhoghlam Gàidhlig sa cho-chomhairle agus leughar iad air td 14/15 den làn aithig co-chomairleachaidh.
Tha mìos aig a’ mholadh seo gus taic fhaighinn bho BhPA eile. Faodar sùil a chumail air an ìre de thaic air làrach-lìn na Pàrlamaid.
Tha tòrr mholaidhean airson Bilean Buill ann an-dràsta agus faodar an leantainn air an làraich-lìn.
Alasdair MacCaluim
alasdair.maccaluim@parliament.scot