Comataidh Phàrlamaideach ann an Uibhist


Tha Comataidh Ceartas Sòisealta agus Tèarainiteachd Shòisealta Pàrlamaid na h-Alba air turas rannsachaidh ann an Uibhist an-diugh is a-màireach. Tha seo mar phàirt den rannsachadh aca air obair phàrantan agus bochdainn chloinne.

Faodaidh tu turas na Comataidh a’ leantainn air Twitter air cunntas na Comataidh @SP_SJSS, @ParlAlba agus air @Engage_SP – sgioba com-pàirteachaidh na Pàrlamaid.

Dealbh (c) Hugh Spicer

Seo fios naidheachd na comataidh mun rannsachadh air cosnadh phàrantan agus mar a bheir seo buaidh air bochdainn chloinne.

Tha Comataidh aig Taigh an Ròid a’ dèanamh rannsachadh fad-bliadhna air cosnadh phàrantan agus mar a bheir e buaidh air bochdainn cloinne.

Tha a’ Chomataidh Ceartas Sòisealta agus Tèarainteachd Shòisealta ag iarraidh tuigse fhaighinn air mar a tha Riaghaltas na h-Alba ag obair le ùghdarrasan ionadail, luchd-fastaidh agus buidhnean com-pàirteachais airson pàrantan a chuideachadh gus obair fhreagarrach a lorg no gluasad gu obair le pàigheadh nas fheàrr.

Is e dèiligeadh ri bochdainn cloinne fear de dh’àrd phrìomhachasan an Riaghaltais agus tha iad air comharrachadh gu bheil dèanamh cinnteach gu bheil cosnadh iomchaidh aig pàrantan na dhòigh sheasmhach air seo a choileanadh.

Bidh a’ Chomataidh a’ beachdachadh air mar a tha diofar phoileasaidhean an Riaghaltais a’ toirt buaidh air na cothroman cosnaidh a tha aig pàrantan, a’ gabhail a-steach poileasaidhean air sochairean, cùram-cloinne agus còmhdhail.

Bidh an rannsachadh a’ cuimseachadh air an taic a tha ri fhaighinn do bhuidhnean dhaoine a tha ann an cunnart bochdainn nas motha, a’ gabhail a-steach màthraichean fo aois 25, pàrantan singilte, teaghlaichean mion-chinnidh, pàrantan le clann fo aois bliadhna, pàrantan le triùir cloinne no barrachd agus teaghlaichean far a bheil ciorram air cuideigin.

Bha fios-air-ais neo-fhoirmeil a chualas bho phàrantan nuair a thadhail a’ Chomataidh air Dail Mheàrnaig na chuideachadh dhaibh a’ comharrachadh cuid de na cuspairean air am bu mhath leotha tuilleadh sgrùdaidh a dhèanamh, a’ gabhail a-steach misneachd, cothrom air foghlam adhartach is àrd-ìre agus leasachadh sgilean.

Anns an Fhaoilleach tha dùil gun tadhail buill na Comataidh air pròiseactan ann an Siorrachd Àir a Tuath agus Uibhist a Deas a dh’fhaicinn mar a tha taic-cosnaidh phàrantan ga lìbhrigeadh agus gus beachdan phàrantan a chluinntinn.  Tha a’ Chomataidh an dòchas, le bhith a’ tadhal air dà àite gu math eadar-dhealaichte, gum faigh iad tuigse nas fheàrr air eadar-dhealachaidhean ann am feumalachdan air feadh na h-Alba.

Thuirt Natalie Don, Neach-gairm na Comataidh Ceartas Sòisealta agus Tèarainteachd Shòisealta:

“Tha mi toilichte gu bheil pàirt fhoirmeil an rannsachaidh seo a’ tòiseachadh a-nis agus gum bi sinn a’ bruidhinn ri pàrantan air a’ mhìos seo.  Tha fios againn gu bheil e nas duilghe do chuid de theaghlaichean a’ chùis a dhèanamh air cosgaisean a phàigheadh, mar eisimpleir, teaghlaichean le dìreach aon phàrant no teaghlaichean le ’s a bheil cuideigin a tha ciorramach.  Sin an t-adhbhar a tha e cudromach gu faigh sinn air na beachdan aca a chluinntinn.

“Bidh an rannsachadh againn a’ dol nas fhaide na dìreach barrachd phàrantan fhaighinn a-steach gu obair. Bidh leasachadh chothroman cosnaidh do phàrantan na lùib, le cùram-cloinne agus còmhdhail a bheir taic dhaibh fuireach ann an obair agus adhartas dhèanamh ann cho fada ’s a thogras iad agus cuideachd bidh e a’ sgrùdadh dè an ìre gu bheil luchd-fastaidh a’ beachdachadh air agus a’ toirt taic do dhleastanasan phàrantan.

“Le bhith a’ cleachdadh na chluinneas sinn tron rannsachadh againn faodaidh sinn molaidhean soilleir a thoirt do Riaghaltas na h-Alba.”

Tha dùil gun cuir a’ Chomataidh co-chomhairle nàiseanta air bhog mar phàirt den rannsachadh aca tràth am-bliadhna.