Deasbad mun Ghàidhlig is mun Scots san àm ri teachd


Thèid deasbad Riaghaltais a chumail sa Phàrlamaid an-diugh (Dimàirt 15 Samhain) mu Ghàidhlig agus Scots san àm ri teachd.

‘S e seo an gluasad:

Chithear an gluasad agus na h-atharrachaidhean a chaidh a mholadh air làrach-lìn na Pàrlamaid.

Tòisichidh an deasbad san t-Seòmar aig 2:25f. Faodar coimhead beò (agus às dèidh làimh) air Scottish Parliament TV.

Bidh dà shruth ann: anns na cànanan tùsail no le eadar-theangachadh Beurla air a’ Ghàidhlig.

Bidh cuid de na buill a’ bruidhinn sa Ghàidhlig agus anns an Scots.

Postaidh sinn buil nam bhòtaichean agus ceangal ris an Aithisg Oifigeil den deasbad a-màireach.

Alasdair MacCaluim

Oifigear Leasachaidh Gàidhlig

alasdair.maccaluim@parliament.scot