Fios naidheachd: Tha Comataidh @SP_FinancePAC a’ rabhadh gu bheil feum air co-dhùnaidhean duilich mun bhuidseat gus na cunntasan a chothromachadh #gàidhlig


Tha comataidh aig Taigh an Ròid air rabhadh a thoirt seachad mu cho-dhùnaidhean duilich mu chìsean is caiteachas sa bhuidseat ma tha Riaghaltas na h-Alba gu bhith a’ cothromachadh nan cunntasan agus a’ dèiligeadh ris an èiginn cosgais bith-beò agus buaidh Covid san fhad-ùine.

Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha Comataidh an Ionmhais is Rianachd Phoblaich ag ràdh gu feumar ‘deasbad fosgailte agus onarach’ leis a’ phoball a bhrosnachadh air mar a ghabhas prìomhachasan caiteachais agus cìsean a chothromachadh.

Anns an aithisg aca, tha a’ Chomataidh a’ toirt fa-near gun tèid àrdachadh pàighidh san roinn phoblaich a mhaoineachadh, gu ìre co-dhiù, tro lùghdachadh san àireamh dhaoine a tha ag obair ann, ach tha iad ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach gun tèid seo a dhèanamh ann an dòigh cho-òrdanaichte a lùghdaicheas a’ bhuaidh air seirbheisean poblach.

Tha an aithisg ag ràdh cuideachd gu bheil an t-àm ann a-nis do Riaghaltas na RA cuimseachadh air ceumannan gus barrachd seasmhachd a thoirt do eaconamaidh na RA agus aithneachadh buaidh na h-atmhorachd air cuibhreann na h-Alba.

Thuirt Neach-gairm Comataidh an Ionmhais is Rianachd Phoblaich, Coinneach Gibson:

“Tha a’ Chomataidh againn a’ gabhail ris gu bheil roghainnean duilich mu choinneamh Riaghaltas na h-Alba ann a bhith a’ cothromachadh an dòighean-obrach a thaobh caiteachas agus cìsean – gu h-àraidh ma tha e gu bhith a’ cumail ri seasmhachd fhioscalach agus a’ toirt taic do dhachaighean is ghnìomhachasan tron èiginn cosgais bith-beò.

“Tha feum a-nis air deasbad fosgailte agus onarach leis a’ phoball air mar a tha seirbheisean agus prìomhachasan air am maoineachadh, a’ gabhail a-steach àite chìsean ann a bhith a’ maoineachadh buannachdan poileasaidh nas fharsainge don chomann-shòisealta.”

Coinneach Gibson BPA, Neach-gairm na Comataidh

Air na dùbhlain a tha mu choinneamh na roinne poblaich, thuirt Mgr Gibson:

“Tha sinn ag aithneachadh an dùbhlain a tha ro Riaghaltas na h-Alba a thaobh airgead a bharrachd a chomharrachadh a mhaoinicheas àrdachadh pàighidh san roinn phoblaich airson freagradh ri buaidh na h-atmhorachd.

“Bu chòir do Riaghaltas na RA cuideachd aithneachadh buaidh na h-atmhorachd air cuibhreann na h-Alba.

“Tha sinn ag iarraidh gealltanas bho Riaghaltas na h-Alba gun lùghdaich e an àireamh dhaoine san roinn phoblaich ann an dòigh rianail, fhollaiseach agus cho-òrdanaichte.  Bu chòir seo a dhèanamh an co-bhonn ri ath-leasachadh seirbheis phoblaich, le sùil ri lùghdachadh buaidh sam bith air lìbhrigeadh sheirbheisean poblach.”

A thaobh seasmhachd eaconamach na RA, thuirt Mgr Gibson:

“Mar a chanas sinn san aithisg againn, tha an t-àm ann a-nis do Riaghaltas na RA cuimseachadh air barrachd seasmhachd a thoirt do eaconamaidh na RA.”

Cùl-fhiosrachadh

Gheibhear an aithisg shlàn an seo: Ionmhas poblach na h-Alba ann an 2023-24: buaidh cosgais bith-beò agus ath-leasachadh seirbheis phoblaich. Aithisgean comataidh | Làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba