Fios naidheachd: ‘Lèirsgrios’ ionmhasail a’ bagairt air roinn chultarail na h-Alba #gàidhlig #cleachdi


Tha ‘lèirsgrios’ ionmhasail a’ bagairt air roinn chultarail na h-Alba. Seo an rabhadh bho Chomataidh Bun-reachd, Roinn Eòrpa, Cùisean Taobh a-muigh agus Cultair Pàrlamaid na h-Alba.

Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha a’ Chomataidh a’ coimhead air thoiseach gu buidseat 2023-24 Riaghaltas na h-Alba agus a’ bhuaidh a bhios aig co-dhùnaidhean buidseit air roinn cultair na h-Alba. Tha iad ag iarraidh gun tèid barrachd oidhirp a dhèanamh mar chùis èiginn gus dèiligeadh ri duilgheadasan buidseit tro dhòighean maoineachaidh innleachdach.

Tha an aithisg a’ nochdadh mholaidhean a rinn a’ Comataidh ann an sgrùdaidhean buidseit roimhe agus ag iarraidh gun tèid na dòighean-obrach innleachdach seo a thoirt air adhart gu luath gus dèiligeadh ris na duilgheadasan a tha san amharc. 

Rè am beachdachaidh, chuala a’ Chomataidh gu bheil na dùbhlain a tha mu choinneamh na roinne air fàs anabarrach duilich agus i a’ strì ri faighinn seachad air galar lèir-sgaoilte COVID-19, agus tha iad  nas miosa buileach a-nis leis an èiginn cosgais bith-beò a’ leantainn air adhart bho dhuilgheadasan ionmhasail fad-ùine. Tha a’ Chomataidh air moladh gun tèid dòigh-obrach innleachdach a chleachdadh a thaobh buidseatadh a’ gabhail a-steach barrachd feum de thasgadh poblach is prìobhaideach, agus maoineachadh ioma-bliadhnail.

A thuilleadh air sin tha a’ Chomataidh ag iarraidh, mar a mhol iad uiridh, gun tèid am buidseat cultair a phrìomh-shruthadh. Tha iad cuideachd ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba fiosrachadh a thoirt seachad mu bhith a’ daingneachadh cultar ann an dòigh nas fharsainge mar phàirt de na planaichean aca airson eaconamaidh sunnd.  Nochdaidh seo na tha caiteachas casgach ann an raointean leithid nan ealainean agus gnìomhan cultarail eile a’ cur ri slàinte is sunnd.

A’ bruidhinn nuair a chaidh an aithisg a chur air bhog, thuirt Neach-gairm na Comataidh Clare Adamson BPA:

“Tha roinn chultarail na h-Alba deatamach ann am beatha na h-Alba. Ach chuala sinn rabhaidhean làidir bhon roinn mu na roghainnean fìor dhuilich a tha ri thighinn.

“Tha àrdachadh ann an cosgaisean obrachaidh a’ tighinn aig àm nuair a tha a’ mhòr-chuid de dh’ionadan cultarail fhathast a’ strì ri faighinn seachad air a’ ghalar lèir-sgaoilte, agus às aonais dòighean-obrach fìor innleachdach a thaobh maoineachadh, tha cunnart mòr ann gun tèid sgioba-obrach sgileil cultarail na h-Alba a chall agus cuid de na feartan cultarail as measail le daoine.


“Chan eil teagamh nach eil gainnead mòr ann thar gach raon de bhuidseat Riaghaltas na h-Alba, agus chan eil roghainnean furasta ann. Ach tha an suidheachadh an-dràsta a’ toirt cothrom dhuinn na fuasglaidhean innleachdach seo a thoirt air adhart nas luaithe. Feumaidh Riaghaltas na h-Alba ceumannan a ghabhail gus a’ phàirt bhunaiteach seo den chomann-shòisealta againn a dhìon.”

Cùl-fhiosrachadh

Ro Bhuidseat 2023-24, dh’iarr a’ Chomataidh beachdan air a’ bhuaidh a bhiodh aig co-dhùnaidhean buidseit, a’ gabhail a-steach an Lèirmheas air Caitheamh Ghoireasan, air roinn a’ chultair ann an Alba.

Lean seo air bhon sgrùdadh air Buidseat 2022-23, Maoineachadh airson Cultar, agus am Frèam-obrach Lèirmheas air Caitheamh Ghoireasan.

Bha an gairm bheachdan fosgailte bho 24 Ògmhios gu 19 Lùnastal 2022 agus fhuair e 37 freagairtean a gheibhear an seo: https://www.parliament.scot/chamber-and-committees/committees/current-and-previous-committees/session-6-constitution-europe-external-affairs-and-culture-committee/business-items/budget-scrutiny-2023-24-funding-for-culture

Anns an fhreagairt aca, thuirt Alba Chruthachail gu bheil ath-bheothachadh roinn a’ chultair “cugallach agus slaodach, agus tha buannachdan na taic don roinn ri linn èiginn Covid-19 air am mùchadh fo lèirsgrios de thrioblaidean. 

Gheibhear barrachd fiosrachaidh air duilleagan-lìn na Comataidh: https://www.parliament.scot/chamber-and-committees/committees/current-and-previous-committees/session-6-constitution-europe-external-affairs-and-culture-committee