Fios naidheachd: Buidhne-riochdachaidh Pàrlamaid na h-Alba a’ neartachadh cheanglaichean leis a’ Chomhairle Nòrdaich


Tha Pàrlamaid na h-Alba a’ frithealadh a’ Chomhairle Nòrdaich airson a’ chiad turas. Stiùiridh an t-Oifigear-riaghlaidh Alison Johnstone buidheann-riochdachaidh de thriùir bhall gu Helsinki an t-seachdain seo (1 gu 4 Samhain).

Tha am frithealadh mar phàirt de ghluasad cur ri ceanglaichean is co-obrachadh eadar Pàrlamaid na h-Alba agus reachdaireachdan eile. 

A’ cur fàilte air a’ chothrom ceanglaichean ris na dùthchannan Nòrdach a neartachadh, thuirt am Fìor Urramach Alison Johnstone BPA:

“Tha sinn a’ cumail oirnn a’ cur ri ceanglaichean eadar Pàrlamaid na h-Alba agus reachdaireachdan Eòrpach bunaiteach eile. Tha sgaoileadh fiosrachadh agus ag ionnsachadh bho phàrlamaidean eile na amas cudromach dhuinne.

“Leis na ceanglaichean làidir eachdraidheil is cultarail eadar Alba agus na dùthchannan Nòrdach, tha ùidh shònraichte san roinn againn. Tha an turas a’ cur ris a’ cho-obrachadh eadar Alba agus na dùthchannan Nòrdach aig COP26 air àite nam pàrlamaidean ann a bhith a’ sgrùdadh ghnìomhan air atharrachadh na gnàth-shìde.”

Thuirt Johnstone cuideachd:

“Tha am meudachadh air na ceanglaichean againn na chomharra air cho cudromach agus a chuireas sinn luach air a’ chàirdeas a th’ againn leis an roinn Nòrdaich. Tha mòran de na prìomhachasan againn aig dùthchannan Nòrdach cuideachd. Tha mòran de na pàrlamaidean aca mun aon mheud is chruth ri Pàrlamaid na h-Alba, agus mòran a dh’ionnsaicheas sinn bho chàch a chèile.” 

Anns an Dàmhair, stiùirich an Leas-oifigear Riaghlaidh, Liam MacArtair, buidheann-riochdachaidh gu Reykjavik airson coinneamhan san Althingi, Pàrlamaid Innis Tìle, a bharrachd air a bhith a’ frithealadh air Còmhdhail Chearcall na h-Artaig.  

Is e a’ chòmhdhail an lìonra as motha de dheasbaireachd is de cho-obrachadh eadar-nàiseanta air na tha air fàire dhan Artaig, air an robh còrr is 2,000 de luchd-pàirteachaidh à 50 dùthaich a’ frithealadh, Innis Tìle, na h-Eileanan Fàro agus an roinn Nòrdach anns an fharsaingeachd nam measg.  

Cùl-fhiosrachadh mun turas dhan Chomhairle Nòrdaich

Is e cuspair na coinneimh seo den Chomhairle Nòrdaich agus de na Phrìomhairean Nòrdach “Àite Roinn nan Nòrdach anns an t-saoghal san àm ri teachd”. 

A bharrachd air a bhith a’ frithealadh air a’ Chomhairle, bidh coinneamhan aig an Oifigear-riaghlaidh le Labhraichean mòran phàrlamaidean Nòrdach. Bidh Luchd-gairm Chomataidhean a’ frithealadh air seiseanan air foghlam, slàinte agus èiginn na gnàth-shìde, agus bidh deasbadan aca mu phrìomhachasan nan comataidhean aca le luchd-gairm às na dùthchannan Nòrdach.

Tha riochdairean Pàrlamaid na h-Alba a bhios a’ frithealadh air a’ Chomhairle Nòrdaich mar a leanas:

  • Am Fìor Urramach Alison Johnstone BPA, an t-Oifigear-riaghlaidh
  • Clare Adamson BPA, Neach-gairm Comataidh Bun-reachd, na h-Eòrpa, Chùisean A-muigh agus Cultair
  • Sue Webber BPA, Neach-gairm Comataidh Foghlaim, Cloinne agus Dhaoine Òga

Faigh a-mach barrachd mun 74mh Seisean Làn den Chomhairle Nòrdaich, Helsinki, an Fhionnlainn an seo: www.norden.org/en/session2022