Tha deasbad Gnothaichean Bhall gu bhith ann feasgar 27 Dàmhair mun Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Peairt am bliadhna. Thèid seo a stiùireadh le Murchadh Friseal BPA.

Thèid an deasbad a chumail air Diardaoin 27 Dàmhair aig 12:45f.
Seo an gluasad agus an liosta de na buill a tha air a shoidhnigeadh gu ruige seo. Faodar coimhead air an deasbad air an latha, no às dèidh làimh air TBh Pàrlamaid na h-Alba.

Alasdair MacCaluim, Oifigear Gàidhlig, alasair.maccaluim@parliament.scot