Ceithir Bliadhna Deug


Tha an t-oifigear foghlam againn le Gàidhlig Mairead NicEacharna gu bhith a’ leigeil dhi a dreuchd a dh’aithghearr. San artaigil seo, tha i a’ coimhead air cuid de na h-àiteachan a chunnaic i tron obair aice. Ma tha Gàidhlig agad agus tu airson a bhith nad oifigear foghlaim còmhla ruinn, faic am fiosrachadh seo.

Às dèidh 14 bliadhna ag obair don phàrlamaid mar Oifigear Foghlaim an Iar agus Gàidhlig, tha m’ obair air mo thoirt do iomadh ceàrn de dh’Alba, agus ’s e dùthaich air leth bòidheach a th’ innte. Tha i inntinneach cuideachd, le eachdraidh na laighe mun cuairt ann an cnapan. Uaireannan thig thu air baile beag is gheibh thu a-mach gun tàinig cuideigin no rudeigin ainmeil às, no gun do thachair rudeigin cudtromach ann, no gu bheil ceangal aige gu rudeigin air taobh thall an t-saoghail. Dìreach smaoinich air Langholm. Chan eil fiù ‘s 2000 neach a’ fantail ann, ach rugadh am bàrd William (“There’s nae luck aboot the hoose”) Mickle ann, dh’ionnsaich an t-ionnlaidear Thomas Telford clachaireachd ann, agus b’ ann às a thàinig teaghlach Neil Armstrong, a’ chiad duine a choisich air a’ ghealaich.

Anns an aon siorrachd cuideachd tha Caisteal Chair Labharaig (Caerlaverock), cathair nam Maxwells, an t-aon caisteal trì-ceàrnach ann an Alba. Ann an Siorrachd Cille Chuithbeirt (Kirkcudbright) tha Tùr Orchardton, an t-aon taigh-tùir cruinn ann an Alba agus a’ cumail le cruinn, ann an Ìle tha an aon eaglais chruinn.

Tha caistealan gu leòr ann an Alba, gach fear ag innse sgeulachd mu na daoine, an eachdraidh agus na sgìrean anns a bheil iad. Uaireannan chì thu ceangal eadar àitichean no teaghlaichean gu math fada bho chèile, mar Chaisteal Threave ann an Gall-Ghàidhealaibh agus Port an Eilein (Finlaggan) ann an Ìle. Thogadh Caisteal Threave le Gilleasbuig Dùbhghlas (“the Grim”), Morair Ghall-Ghàidhealaibh, ann an 1369 air eilean beag ann an Abhainn Dhè.

Nan toireadh tu sùil air Port an Eilein ann an Ìle, cathair Rìghrean nan Eilean, mun àm sin bhiodh an dà àite cosail ri chèile. Ged nach do sheas an caisteal a bha air Eilean na Comhairle fada idir, bha na toglaichean air Eilean Mòr cleachdte le Clann Dòmhnaill fad linntean. Bha co-chòrdadh ann eadar an dà theaglach cuideachd san aramach de 1451.

B’ ann san eaglais ann Dùn Phrìs a mhurt Raibeart Brus Iain Cuimneanach, ach bha eaglaisean is abaidean gu leòr eile faisg air làimh a b’ urrainn dha cleachdadh, mar Dhùn Droighean (Dundrennan) (1142), Gleann Lus (Glenluce) (c1190), Sweetheart (1273). B’ ann an Dhùn Droighean a chuir a’ Bhanrìgh Màiri seachad a h-oidhche mu dheireadh de shaorsa mus d’ rinn i a turas mi-shealbhach a Shasainn ann an 1568.

Ann an Glaschu ’s e an Àrd-eaglais an togalach as sine. Thogadh a’ mhòr-chuid sa cheathramh linn deug, ach bha togalach ann nuair a bha Raibeart I beò. Tha i fhathast air a cleachdadh mar eaglais, mar a tha an aon eaglais eile ann an Alba a thàinig tron Ath-leasachadh gun chron. ’S e sin Àrd-eaglais an Naoimh Magnus ann an Kirkwall, a chunnaic mi air turas a dh’Arcaibh. Thòisich obair oirre ann an 1137.

Tha iomadh togalach agus sealladh Albannach ainmeil cuideachd tro fhilmichean, mar Chaisteal Chiosmuil, Barraigh. Thogadh e sa chòigeamh linn deug mar chathair Chloinn Nèill ach bidh cuid nas eòlaiche air bho Whisky Galore.   

Aithnichidh cuid drochaid rathad-iarrainn Ghleann Fhionnainn, togte eadar 1897-1901, bho Harry Potter. Rud beag air falbh tha carragh-chuimhne ann do na Seumasaich a thàinig a-mach ann am Bliadhna Theàrlaich.

Chaidh caisteal Eilean Donnain a chleachdadh ann an iomadh rud, bho Bonnie Prince Charlie gu The World is Not Enough, agus chan ann dìreach ann am filmichean. Chuir cuideigin ainmeil “an caisteal a chuir mìle cnogan arain goirid air bhog” air.

Tha na h-eileanan air fad bòidheach agus thug m’ obair mi do sgoiltean ann an Ìle, Diùra, Giogha, Muile, Eilean Ì, Ruma, Eige, An t-Eilean Sgitheanach, Barraigh, Uibhist a Deas agus Tuath, Beinn nam Fadhla, Na Hearadh agus Leòdhas. Air an rathad a Bharraigh dh’fhalbh mi a dh’Èirisgeigh, eilean ainmeil mar an àite far an tàinig am Prionnsa Teàrlach gu tìr ann an 1745, agus an SS Politician ann an 1941. A rèir FIFA tha e ainmeil cuideachd ‘son pàirc ball-coise sònraichte.

Air tìr-mòr tha a h-uile seòrsa rud air oirthir an Iar, bho bhailtean mòra mar Ghlaschu, bailtean nas bige mar an t-Seanchair (Sanquhar), far a bheil Oifis a’ Phuist as sine san t-saoghal (1712) beanntan is gleanntan mar Ghleann Comhainn, far an robh an do mhurt an riaghaltas Clann Mhic Iain ann an 1692, gu h-àitichean iomallach mar an Druim Mòr far a bheil an sgoil as fhaide deas ann an Alba.

Nan rachadh tu sìos don taigh-sholais rud beag deas air, shaoileadh tu gum b’e Maol nan Gall oir an t-saoghail ged nach eil e fada air falbh idir bhon t-Sròin Reamhair.

Oir an t-saoghail? Mull nan Gall

Às bith càit an tèid thu air feadh na dùthcha chì thu rudeigin a chuireas tlachd air an turas. O – agus chì Oifigear Foglaim sgoilearan cuideachd!

Mairead NicEacharna