Pàrlamaid na h-Alba a’ comharrachadh #SeachdainNaGaidhlig


A bheil thu a’ coimhead air adhart ri Seachdain na Gàidhlig? Tha sinne!

Bidh “tanc-smaoineachaidh” Pàrlamaid na h-Alba, Fòram Alba air Thòiseach no Scotland’s Futures Forum a’ gabhail pàirt le sreath de bhlogaichean Gàidhlig a choimisean iad a dh’aona-ghothach.  

A’ sealltainn nas fhaide na cuairt nan taghaidhean a h-uile còig bliadhna agus air falbh bho phoilitigs phàrtaidhean, bidh Fòram Alba air Thoiseach a’ feuchainn ri seallaidhean, beachdan is cruthachadh ùr a thoirt a-steach air mar a dh’fhaodamaid ullachadh an-dràsta airson na h-ùine romhainn. Bidh sinn a’ cumail dheasbadan is sheiminearan agus a’ nochdadh bheachdan gus ceangal a dhèanamh ri luchd-pàrlamaid na h-Alba agus dùbhlan a thoirt air an cuid smaoineachaidh.

Aig tachartas a chùm Fòram Alba air Thoiseach ann an 2019, chaidh lèirsinn a chruthachadh gun robh daoine airson Alba fhaicinn far am biodh “Gàidhlig ri faicinn is ri cluinntinn sa bheatha phoblaich, le Gàidhlig ga cleachdadh gu cunbhalach airson ceistean nach eil co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig”.

Gus taic a chumail ris an lèirsinn seo, agus gus deasbad a bhrosnachadh, bidh am Fòram a’ foillseachadh bhlogaichean tron t-seachdain a bhios a’ coimhead air diofar thaobhan de dh’Alba ann an 2045 bho shealladh diofar luchd-labhairt Gàidhlig.

Bidh cuspairean a’ gabhail a-steach cumhachd dhan choimhearsnachd, foillseachadh an am mìon-chànan, ath-fhiadhaicheadh, ealain lèirsinneach, lotaichean, siubhail, seasmachd eileanach agus fiù’s beagan sgrìobhadh cruthachail dystopiach! ’S iad na sgrìobhdairean againn Daibhidh Byrne, Màiri Kidd, Rhoda Meek, Tòmas MacAilpein, Iain MacDiarmaid, Iona NicIlleBhàin, Màiri Anna NicUalrig, Iain Fionnlagh MacLeòid agus Críostóir de Piondargás.

Faodar na blògaichean seo fhaicinn air làrach-lìn Fòram Alba air Thòiseach bho Dhiluain. Cùm sùil air @ScotFutures air Twitter airson barrachd fiosrachaidh.

Tron t-seachdain cuideachd, bi Ionad Fiosrachaidh na Pàrlamaid, SPICe a’ cur a-mach bloga sa Ghàidhlig mu àireamhan-sluaigh eileanan na h-Alba.

Cùm sùil air na meadhanan sòisealta againn airson susbaint sa Ghàidhlig cuideachd, a’ gabhail a-steach bhidio ùr.

Alasdair MacCaluim

Oifigear Leasachaidh Gàidhlig