Cànan Soidhnidh Bhreatainn ann an Alba


Tha fios againn uile gur e Seachdain na Gàidhlig – ach an robh fios agad gur e Seachdain Cànain Soidhnidh a th’ ann an t-seachdain seo?

Seo tionndadh Gàidhlig de bhloga a rinn ar co-obraichean ann an SPICe – Ionad Fiosraichidh na Pàrlamaid.

Tar-shealladh

Thathar a’ meas gu bheil 151,000 neach san RA a’ cleachdadh Cànan Soidhnidh Bhreatainn (BSL), agus gu bheil 87,000 dhiubh b/Bodhar.  Tha na h-àireamhan a’ tighinn bhon bhuidhinn charthannais Comann Dhaoine Bodhar Bhreatainn (BDA) a tha air duilleag fiosrachaidh mu BSL fhoillseachadh. Tha BDA a’ mìneachadh cànanan soidhnidh mar:

[…] “cànanan làn-chomasach agus brìoghmhor; aig an aon àm tha iad gu math eadar-dhealaichte bho chànanan labhairteach.  Is e cànan lèirsinneach-gluasadach a th’ ann am BSL le gràmar sònraichte a’ cleachdadh cumaidhean làimhe, coltas aghaidh, gluasadan, agus cànan bodhaig gus brìgh a chur an cèill.”

Tha BDA a’ sgrìobhadh gu bheil BSL air leth bho Bheurla labhairteach agus gur ann am Breatainn as motha a thathas ga chleachdadh.  Tha an cànanan soidhnidh fhèin aig dùthchannan eile sam bithear a’ bruidhinn na Beurla.  Bithear a’ cleachdadh Cànan Soidhnidh na h-Èireann (ISL) ann am Poblachd na h-Èireann agus Èirinn a Tuath, agus Cànan Soidhnidh Ameireagaidh (ASL) anns na Stàitean Aonaichte.

Nuair a bhios tu a’ leughadh mu BSL tha e cumanta faicinn Bodhar air a sgrìobhadh le litir-mhòr agus bodhar le litir-bheag.  Tha an carthannas SignHealth a’ mìneachadh an adhbhair airson an eadar-dhealachaidh:

“Thathas a’ cleachdadh an fhacail bodhar airson bruidhinn air no aithneachadh neach sam bith aig a bheil fìor dhuilgheadas claisneachd.  Aig amannan bithear ga chleachdadh airson iomradh a thoirt air daoine a tha glè mhaol sa chlaisneachd cuideachd.

Bidh sinn a’ cleachdadh Bodhar le B mòr airson iomradh a thoirt air daoine a tha air a bhith bodhar fad am beatha, no bhon a thòisich iad ag ionnsachadh bruidhinn.  Tha iad bodhar ro-chànan.  Tha seo na eadar-dhealachadh cudromach, leis gu bheil daoine Bodhar buailteach a bhith a’ conaltradh ann an cànan soidhnidh mar a’ chiad chànan aca.  Airson a’ mhòr-chuid de dhaoine Bodhar tha Beurla na dàrna cànan, agus faodaidh e a bhith duilich dhaibh teachdaireachdan thoinnte sa Bheurla a thuigsinn.

Tha coimhearsnachd nan daoine Bodhar gu math làidir agus dlùth le a cultar agus dearbh-aithne fhèin, stèidhichte air cànan co-roinnte.”

Airson a’  chiad turas dh’fhaighnich Cunntas-sluaigh na h-Alba 2011 a’ cheist ‘A bheil thu a’ cleachdadh cànan eile seach Beurla aig an taigh?’ Tha na toraidhean air an sgrùdadh san fhoillseachadh Toraidhean co-ionannachd Cunntas-sluaigh 2011: anailis, pàirt a dhà, sa bheil earrann air luchd-cleachdaidh BSL.  Stèidhichte air na freagairtean tha am foillseachadh ag ràdh gu bheilear a’ meas gu bheil timcheall air 12,500 neach ann an Alba a’ cleachdadh BSL san dachaigh, a’ ciallachadh gu bheil 24 neach-cleachdaidh BSL gach 10,000 neach.  Bidh Cunntas-sluaigh na h-Alba 2022 a’ faighneachd ‘An urrainn dhut BSL a chleachdadh?’ airson a’ chiad uair.

 Aithne laghail
Chaidh BSL aithneachadh mar mhion-chànan le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ann an 2003, ge-tà, is i Alba gu ruige seo an aon dùthaich san Rìoghachd Aonaichte a tha air aithne a thoirt do BSL san lagh.  Tha Achd BSL (Alba) 2015 ga dhèanamh na riatanas laghail do Riaghaltas na h-Alba agus buidhnean poblach a bhith a’ brosnachadh, agus a’ cuideachadh le adhartachadh, cleachdadh agus tuigse air BSL. Chaidh a dhèanamh riatanach plana ullachadh a mhìnicheadh ciamar a bhiodh seo air a thoirt gu buil.

Plana Nàiseanta Riaghaltas na h-Alba
Tha Plana Nàiseanta BSL 2017-2023 a’ mìneachadh ro-innleachd Riaghaltas na h-Alba airson taic a thoirt do BSL ann an Alba. Buinidh am plana ri Riaghaltas na h-Alba a bharrachd air còrr is 50 buidheann poblach nàiseanta ris a bheil Ministearan na h-Alba an urra.  Tha rùintean Plana Nàiseanta BSL air an cur an cèill sa Gheàrr-chunntas Ghnìomhach:

“Tha Riaghaltas na h-Alba airson a chur an sàs gur i Alba an t-àite as fheàrr san t-saoghal airson luchd-cleachdaidh BSL* a bhith a’ fuireach, ag obair agus a’ tadhal.  Tha seo a’ ciallachadh gum bi daoine aig a bheil BSL mar chiad chànan neo cànan as fheàrr leotha a’ gabhail làn phàirt ann am beatha làitheil agus phoblach na h-Alba, mar shaoranaich ghnìomhach, fhallain, agus gun urrainn dhaibh co-dhùnaidhean fiosraichte a dhèanamh mu gach taobh de am beatha.”

Bha aig buidhnean poblach eile leithid ùghdarrasan ionadail, bùird roinneil NHS, colaistean/oilthighean agus Pàrlamaid na h-Alba ri na planaichean aca fhèin ullachadh.

Shuidhich Plana Nàiseanta BSL10 cinn-uidhe fhad-ùine airson BSL ann an Alba, agus 70 gnìomh a dh’fheumadh Riaghaltas na h-Alba a choileanadh ro 2020 a dh’ionnsaigh nan ceann-uidhe sin.

Plana Nàiseanta: aithisg adhartais
Chaidh Plana nàiseanta Cànan Soidhnidh Bhreatainn – aithisg adhartais: fhoillseachadh san Dàmhair 2021 (chuir an galar lèir-sgaoilte COVID-19 dàil air a’ chiad cheann-latha foillseachaidh).

Tha e a’  comharrachadh an adhartais a rinneadh ann am foghlam, eadar-mhìneachadh, freagairt don ghalar lèir-sgaoilte, agus beatha phoblach is comann-sòisealta. Tha an Riaghaltas a’ nochdadh prìomh thachartasan leithid eadar-mhìneachadh beò BSL aig coinneamhan fiosrachaidh coròna-bhìorais làitheil Riaghaltas na h-Alba, agus dùblachadh na h-àireimh de dh’ùghdarrasan ionadail aig a bheil sgoiltean a tha a’ tabhann BSL mar dhàrna cànan a bharrachd.

Tha an aithisg a’ crìochnachadh le beachd an Riaghaltais gu bheil ìomhaigh BSL air a dhol an-àirde gu mòr ann an Alba.  Ach tha e cuideachd a’ toirt fa-near gu bheil mòran phuingean gnìomha fhathast nach deach a dhèanamh no a chrìochnachadh agus gun obraich Riaghaltas na h-Alba gus dèiligeadh riutha sin.

Plana BSL Pàrlamaid na h-Alba

Tha àrdachadh air a bhith san fhiosrachadh a tha ri fhaighinn ann am BSL mar thoradh air plana Cànan Soidhnidh Bhreatainn Pàrlamaid na h-Alba airson 2018-2024. Tha eadar-mhìneachadh beò air Ceistean don Phrìomh Mhinistear agus deasbadan taghte  agus tha iad rim faighinn air sianal BSL TBh. na Pàrlamaid. Bidh Oifigear Leasachaidh BSL Pàrlamaid na h-Alba a’ stiùireadh lìbhrigeadh a’ phlana BSL, ag obair gu dlùth leis a h-uile oifis sa Phàrlamaid gus mothachadh a thogail agus seirbheisean a leasachadh do luchd-tadhail BSL agus don choimhearsnachd BSL san fharsaingeachd.  Tha e cuideachd na phrìomh neach-ceangail eadar a’ Phàrlamaid agus coimhearsnachdan luchd-cleachdaidh BSL, agus bidh e a’ cur a-mach iris-d cunbhalach BSL le naidheachdan mu ghnothaichean na Pàrlamaid. 

Mark MacMhaoilein – Oifigear Leasachaidh BSL na Pàrlamaid

Stòrasan do bhuidhnean poblach
Tha làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba Achd BSL (Alba) 2015  a’  taisbeanadh naidheachdan mun obair a tha buidhnean poblach a’ dèanamh gus taic a thoirt do chleachdadh BSL agus tha ceanglaichean ann gu raon de stòrasan BSL.

Faodar fios a chur gu Oifigear Leasachaidh BSL Pàrlamaid na h-Alba air post-d: BSL@parliament.scot.

Lena Phalen, Neach-taic Cheistean

Le taing do Mark McMillan, Oifigear Leasachaidh BSL