Athchuinge mun Ghàidhlig a’ tighinn air beulaibh na Pàrlamaid #gàidhlig #cleachdi


Tha coimhearsnachd na Gàidhlig air ùidh mhòr a nochdadh air na meadhanan sòisealta mu athchuinge co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig a chaidh a chur a-steach gu Comataidh Com-pàirteachaidh nan Saoranach agus nan Athchuingean Poblach na bu thràithe am-bliadhna.

Seo PE1922: Cancel all Local Authority expenditure on Gaelic expansion – Petitions (parliament.scot)

Tha teacsa na h-athchuingean ri fhaighinn sa Ghàidhlig cuideachd agus gheibhear pàipear ullachaidh bho Ionad Fiosrachaidh na Pàrlamaid mun athchuinge.

Bidh a’ Chomataidh a’ beachdachadh air an athchuinge aig a’ choinneamh aca air Diciadain 23/03/22. Thèid fios a phostadh mun choinneimh air làrach-lìn na Comataidh.

Ma tha beachdan agad air an athchuinge seo (no air athchuinge sam bith eile) faodar fios a chur chun na comataidh aig: petitions.committee@parliament.scot.

Chan fheumar feitheamh gu às dèidh na coinneimh. Faodar beachdan a chur a-steach uair sam bith.

Alasdair MacCaluim

Oifigear Leasachaidh Gàidhlig

gaidhig@parliament.scot