Fios naidheachd: Feumaidh Alba gluasad gu luath gus toirmeasg a chur air teiripe iompachadh: Comataidh na Co-ionannachd #gàidhlig 


Cha bu chòir do dh’Alba feitheamh gus crìoch a chur air teiripe iompachaidh, tha Comataidh Co-ionannachd, Chòraichean Daonna agus Ceartais Shìobhalta aig Taigh an Ròid a’ rabhadh.

Ann an aithisg ùr, tha a’ Chomataidh ag ràdh gum fheum an reachdas a thathar a’ moladh gus toirmeasg a chur air teirpe iompachaidh a bhith làn is coileanta – a’ gabhail gnothach ri oidhirpean sam bith gus an ìomhaigh a thaobh gnè no an taobhadh feise a tha aig neach atharrachadh.  

Is e ‘teiripe iompachaidh’ am facal a thathar a’ cleachdadh mar thuairisgeul air modhan sam bith a dh’fheuchas ris an taobhadh feise no an ìomhaigh a thaobh gnè a tha aig neach atharrachadh. 

Tha aithisg na Comataidh a’ toirt fa-near nach eil an reachdas a th’ ann an-dràsta gu leòr gus stad a chur air a’ chleachdadh agus nach bu chòir do dh’Alba feitheamh gus molaidhean Riaghaltas na RA a chluinntinn mus dèan iad reachdas a bhuineas ri Alba gu sònraichte an taobh a-staigh nan cumhachdan a tha rim faotainn do Phàrlamaid agus Riaghaltas na h-Alba.

Tha an aithisg a’ moladh gun dèan am mìneachadh air cleachdaidhean iompachaidh ann an lagh sam bith a thathar a’ moladh soilleir nach eil a leithid a rud ri cead fiosraichte ris a’ chleachdadh agus nach fhaodar a chleachdadh mar dhìon leis an fheadhainn ga dhèanamh.

A’ toirt fa-near gu bheil a’ chuid as motha de bhuidhnean-creideimh a’ cur taic ri toirmeasg, tha a’ Chomataidh cuideachd ag aontachadh nach bu chòir gun cuireadh reachdas bacadh air teagasg-creideimh àbhaisteach no air còir dhaoine dol an sàs ann an ùrnaigh no cùram eaglaise gus an ìomhaigh a th’ aca orra fhèin a dheasbad, a rannsachadh no a rèiteachadh ann an dòigh gun bhreitheanas agus gun chlaonadh.

Tha a’ Chomataidh ag ràdh gu bheil i ag iarraidh barrachd ionnsachadh mun àite a th’ aig Buidheann nan Eòlaichean air Cleachdaidhean Iompachaidh a chuir Riaghaltas na h-Alba air bhonn – gus an dòigh as fheàrr gus toirmeasg a thoirt air adhart cho luath is a ghabhas a rannsachadh.

Agus e a’ bruidhinn nuair a chaidh an aithisg a chur air bhog, thuirt Neach-gairm na Comataidh Joe MacGillePhàdraig (FitzPatrick) BPA :

“Tha na cleachdaidhean iompachaidh seo ris nach fhaodar gabhail air a bhith a’ dol tuilleadh is fada.

“Tha e soilleir bhon sgrùdadh againn gu bheil e a’ tachairt ann an Alba agus nach eil an reachdas a th’ ann an-dràsta làidir gu leòr gus casg a chur air.  

“Chan fhaod duine sam bith aonta a chur ri cleachdaidhean iompachaidh. Tha oidhirpean sam bith gus gnè no gnèitheileachd neach ceàrr agus is e sin as coireach gu bheil sinn den bheachd nach dèan càil ach toirmeasg iomlan an gnothach.

“Chan eil ùine ri caitheamh ma-thà agus feumaidh sinn ar cuid oidhirpean a chur air reachdas a bhuineas do dh’Alba gu sònraichte gus crìoch a chur air a’ chleachdadh seo. Nì toirmeasg luath, coileanta gum bi neach LGBTI+ sam bith a’ fulang uallach chleachdaidhean iompachaidh a-rithist tuilleadh.”

Cùl-fhiosrachadh

Chaidh Athchuinge PE1817: Cuir Crìoch air Leigheas-iompachaidh a chur a-steach anns an Lùnastal 2020. Tha i a’ gairm air Pàrlamaid na h-Alba “impidh a chur air Riaghaltas na h-Alba toirmeasg a chur air ullachadh no cur air adhart teiripe iompachaidh LGBT+ ann an Alba”.

Anns a’ Phrògram airson Riaghlaidh 2021-22 aige, chuir Riaghaltas na h-Alba a rùn an cèill toirmeasg a chur air teiripe iompachaidh agus gun toireadh e a-steach “reachdas a tha cho coileanta is a ghabhas an taobh a-staigh nan cumhachdan tiomnaichte ro dheireadh 2023, mura tèid molaidhean Riaghaltas na RA fada gu leòr”.

Ghabh a’ Chomataidh gairm airson fianais sgrìobhte os làimh eadar 6 Iuchar agus 13 Lùnastal 2021. Fhuair i mu 1400 de fhreagairtean, a’ chuid as motha aca bho dhaoine mar thaic ris an athchuinge. Fhuaireadh mu 76 freagairtean bho bhuidhnean.