Is e maoineachadh a chuidicheas sgoiltean is comhairlean gus a’ bheàrn ann an coileanadh a dhùnadh an cuspair aig rannsachadh ùr le Pàrlamaid na h-Alba.
Nì Comataidh Foghlaim, Cloinne agus Òigridh sgrùdadh air èifeachdachd Dùbhlan Coileanaidh na h-Alba gus coileanadh cloinne à teaghlaichean a tha fo ana-cothrom àrdachadh.
Tha raon de phrògraman foghlaim gan cuideachadh tron mhaoineachadh seo, taic ri ùghdarrasan ionadail agus sgoiltean nam measg. Tha Riaghaltas na h-Alba air ainmeachadh gun toirt e seachad £1bn bho 2021 gu 2026 mar thaic ri dùnadh beàrn a’ choileanaidh ceangailte ri bochdainn.
Agus i a’ cur an rannsachaidh air bhog, tha a’ Chomataidh ag iarraidh bheachdan air mar a tha am maoineachadh air buannachd a thoirt do dhaoine òga ann an àiteachan fo ana-chothrom, an diofar a tha seo air a dhèanamh dhan bheàrn ann an coileanadh gu ruige seo, agus dè a bharrachd a ghabhas dèanamh a’ dol air adhart.
Seallaidh a’ Chomataidh cuideachd air buaidh galar COVID-19 air coileanadh clann-sgoile air feadh na h-Alba o chionn dà bhliadhna.
Agus e a’ bruidhinn nuair a chaidh an rannsachadh a chur air bhog, thuirt Neach-gairm na Comataidh Stephen Kerr BPA:
“Tha a h-uile sgoilear ann an Alba airidh air cothrom co-ionann soirbheachadh, chan eil e gu diofar cò às a tha iad a’ tighinn.
“Agus maoineachadh airson Dùbhlan Coileanaidh na h-Alba ri àrdachadh, feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil an t-airgead a’ toirt buaidh ann an da-rìribh. Is e sin as coireach gu bheil sinn a’ cur rannsachadh air bhog gus a’ bhuaidh a thug a’ mhaoin gu ruige seo ann a bhith a’ dùnadh beàrn a’ choileanaidh a dhearbhadh.
“Gus cuideachadh ris an rannsachadh againn, tha sinn ag iarraidh do chuid bheachdan chan ann dìreach air adhartas na maoine ach cuideachd mar as fheàrr a bhios sinn a’ tomhas cho soirbheachail is a tha e. Anns an dòigh sin, thèid againn air dearbhadh gu bheil an t-airgead a’ dol dhan fheadhainn as motha a tha feumach air.”
Thuirt Iar-neach-gairm Kaukab Stiùbhart BPA:
“Tha galar COVID-19 air droch bhuaidh a thoirt air daoine òga air feadh na h-Alba, ach chan eil buidheann as motha a dh’fhuiling na an fheadhainn a bhuineas do theaghlaichean fo ana-cothrom.
“Tha sinn ag iarraidh do chuideachaidh gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air mar a tha an galar air buaidh a thoirt air coileanadh clann nan sgoiltean againn agus mar as fheàrr as urrainn dhan mhaoineachadh ùr a chaidh ainmeachadh na buaidhean seo a leasachadh.”
Is e an ceann-latha deireannach gus freagairt a thoirt air a’ ghairm airson bheachdan 8 Gearran 2022.
Faodaidh tu do chuid bheachdan a chur a-steach dhan Chomataidh an seo:
Dùbhlan Coileanaidh na h-Alba – Pàrlamaid na h-Alba
Tha na ceistean sa cheisteachan sa Bheurla ach faodar beachdan a sgrìobhadh sa Ghàidhlig.
Cùl-fhiosrachadh
Chaidh Dùbhlan Coileanaidh na h-Alba a chur air bhog ann an 2015 agus e ga mhaoineachadh le caochladh phrògraman, Maoineachadh Cothromas Clann-sgoile nam measg. Thathar air £750m uile-gu-lèir a chosg sna còig bliadhna gu 2021. Tha Riaghaltas na h-Alba air a ràdh gun cùm e air leis a’ mhaoin agus gum meudaich e sùim a’ mhaoineachaidh gu £1bn thairis air còig bliadhna bho 2021 gu 2026.
Is iad na raointean as cudromaiche air an dèan a’ Chomataidh sgrùdadh ri linn an rannsachaidh:
• Dè a dh’obraich gu math?
• Dè ghabhadh leasachadh?
• Ciamar a tha buaidh a’ mhaoineachaidh ga tomhas?
• Dè a’ bhuaidh a thug an galar air coileanadh is buileachadh anns na sgoiltean?