Beachdan gan sìreadh air àitichean-fuirich air mhàl fad ùine ghoirid


Tha Riaghaltas na h-Alba air innse do Chomataidh Riaghaltais Ionadail, Taigheadais agus Dealbhaidh na Pàrlamaid gum bi e a’ cur dhreachd-laghan fa chomhair Pàrlamaid na h-Alba a bheir air ùghdarrasan ionadail siostam-ceadachaidh a thoirt a-steach airson àiteachan-fuirich air mhàl san ùine ghoirid (Air BnB agus a leithid).

Tha do bheachdan cudromach

Tha a’ Chomataidh ag iarraidh na beachdan agad a chluinntinn mun sgeama ceadachaidh a thathar a’ moladh gus àiteachan-fuirich air mhàl san ùine ghoirid a riaghaladh. Bu mhath leis a’ Chomataidh cluinntinn gu sònraichte mu cheistean a dh’fhaodadh a bhith ort mu na molaidhean agus beachdan fhaighinn air mar a ghabhadh iad seo fuasgladh.

Mar a chuireas tu do bheachdan a-steach

Cuir a-steach na beachdan agad tron t-suirbhidh sa cheangal gu h-ìosal.

Tha sinn a’ cur fàilte air beachdan sgrìobhte ann an Gàidhlig.

Bu mhath leinn cluinntinn bhuat air 29 Dàmhair 2021 air a’ char as fhaide.

Duilleag an rannsachaidh

Alasdair MacCaluim

gaidhlig@parliament.scot