Beachdan gan sireadh air maoineachadh cultair às dèidh Covid-19


Tha Comataidh Bun-stèidh, Eòrpach, Cùisean Taobh a-muigh agus Cultar Pàrlamaid na h-Alba a’ sireadh bheachdan mu mhaoineachadh cultar ann an Alba. Seo am fios naidheachd a tha iad air cur a-mach mu dheidhinn.

Maoineachadh airson cultar ann an Alba ga chur fon phrosbaig aig Taigh an Ròid

Tha BPA air Comataidh Bun-stèidh, Eòrpach, Cùisean Taobh a-muigh agus Cultar Pàrlamaid na h-Alba air gairm bheachdan a chur air bhog mu mhaoineachadh airson cultar ann an Alba.

Tha an gairm bheachdan a’ comharrachadh toiseach obair na Comataidh ro bhuidseat Riaghaltas na h-Alba airson 2022-23. Tha a’ Chomataidh an dùil fianais a chruinneachadh agus molaidhean a dhèanamh gus am beachdaich Riaghaltas na h-Alba orra mus foillsich iad na planaichean caiteachais aca airson na bliadhna a tha romhainn.

Tha a’ Chomataidh a’ cuimseachadh air an obair aca air roinn a’ chultair ann an Alba, leis a’ bhuaidh mhòr a tha an galar lèir-sgaoilte air a thoirt air mòran de ghnìomhachasan, bhuidhnean agus dhaoine le ceangal do obair ann an cultar. Chuir cuingeadan covid casg mòr air comas obrach mòran ghnìomhachasan cultarach, agus tha dùil gum bi an taic a tha ri fhaighinn tro sgeamaichean an Riaghaltais a’ tighinn gu crìch anns na mìosan a tha romhainn.

Tha a’ Chomataidh airson cluinntinn bho dhaoine, bhuidhnean agus ghnìomhachasan a tha ag obair san roinn chruthachail gus faighinn a-mach:

– Dè na prìomhachasan a tha aca an-dràsta agus san fhad-ùine mar a bhios iad a’ faighinn air ais bhon ghalar lèir-sgaoilte, agus ciamar as urrainn don Riaghaltas taic a thoirt dhaibh tro Bhuidseat 2022-23;

– Co ris a bhios an roinn coltach san àm ri teachd;

– Agus am b’ urrainn do Riaghaltas na h-Alba dòigh-obrach nas ro-innleachdail a ghabhail gus taic a thoirt don roinn.

Clare Adamson, Neach-gairm na Comataidh

A’ bruidhinn mar a chaidh an gairm bheachdan a-mach, thuirt Clare Adamson BPA, Neach-gairm na Comataidh:

“Tha an galar lèir-sgaoilte air ar gnìomhachasan cruthachail, an roinn cultair agus an fheadhainn a tha a’ dèanamh bith-beò troimhe a chur fo dheuchainn, gu ìre gun deach cuid fodha. 

“Tha BPA air a’ Chomataidh againn airson faighinn a-mach dè a tha an roinn ag iarraidh gus an cuideachadh a’ faighinn seachad air agus a’ soirbheachadh.

“Tha an cultar againn cho cudromach do dh’Alba, chan ann a-mhàin gu h-eaconamach, ach cuideachd airson nam buannachdan sòisealta is comann-sòisealta a thig na chois. Tha e deatamach gun tèid beachdan an fheadhainn a tha an sàs san roinn seo a chluinntinn gus cùl-fhiosrachadh a thoirt do na molaidhean againn do Riaghaltas na h-Alba mu phrìomhachasan buidseit.” 

Bidh an gairm bheachdan a’ dùnadh air Diciadain 8 Sultain. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air-loidhne aig a’ cheangal seo agus faodair freagairt an seo.

Cùl-fhiosrachadh

Sholaraich buidseat 2021-22 Riaghaltas na h-Alba £175m gus taic a thoirt do chultar agus tachartasan mòra.  A bharrachd air sin tha ùghdarrasan ionadail a’ toirt seachad maoineachadh susbainteach airson cultar anns na sgìrean aca; ann an 2019-20 chosg comhairlean timcheall air £195m air gnìomhachd Cultair is Dualchais, a’ toirt a-steach leabharlannan.

Thuit an àireamh de dh’obraichean anns an roinn ‘Ealain, dibhearsain agus cur-seachad’ ann an Alba bho timcheall air 92,000 gu 78,000 bhon Mhàrt 2020 gu Màrt 2021.  Ann an 2020, thuit toradh nan gnìomhachasan Ealain, Cultar is Cur-seachad ann an Alba mu 27.6%.

Alasdair MacCaluim

alasdair.maccaluim@parliament.scot