Gaisgich coimhearsnachd gan sireadh #gàidhlig


Chaidh ainmeachadh an-diugh gu bheil Pàrlamaid na h-Alba a’ sìreadh 129 gaisgich coimhearsnachd ionadail.

Thathar ag iarraidh air a h-uile Ball de Phàrlamaid na h-Alba aon neach-taghaidh aca a mholadh a thug cuideachadh a-mach às an àbhaist do bheatha dhaoine eile a tha a’ fuireach ann an Alba no thall thairis aig àm pandemic COVID-19.

Thèid cuireadh a thoirt dhan fheadhainn a thèid a thaghadh leis a’ Bhall aca a bhith mar phàirt de dh’Fhosgladh na Pàrlamaid, a thèid a chumail tràth san Dàmhair gus seisean ùr na Pàrlamaid a chomharrachadh gu foirmeil.  

Thuirt Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, Alison Johnstone BPA:  

“Mar luchd-pàrlamaid chuala sinn uile gu dìreach mu na suidheachaidhean doirbh a thàinig air na coimhearsnachdan againn ri linn a’ ghalair seo. Ach a bharrachd air seo, chuala sinn a leithid de sgeulachdan a bha nan togail-inntinn mu dhaoine is mu choimhearsnachdan a’ tighinn còmhla gus an fheadhainn as so-leònte a dhìon.  

“Agus sinn a’ tòiseachadh air an t-seisean ùr seo den Phàrlamaid, tha sinn làn rùin, dòchais is dealais cùisean a dhèanamh nas fheàrr do mhuinntir na h-Alba. Tha e iomchaidh, mar sin dheth, gum faod sinn an t-àm seo a chur gu feum gus seanchas nan daoine air feadh na h-Alba a thug an dòchas sin do dhaoine eile innse.

“Agus sinn a’ feuchainn ri slànachadh agus an dùthaich againn a thogail às ùr, tha mi moiteil gum faod a’ Phàrlamaid seo a cuid a dhèanamh le bhith a’ comharrachadh is a’ moladh nan daoine sin a rinn uimhir a dhiofar deimhinneach aig àm doirbh.”

Cùl-fhiosrachadh

Tha Gaisgich Ionadail air a bhith an sàs ann am fosglaidhean Pàrlamaid na h-Alba ann an 2007, 2011 agus 2016.

Gus barrachd fhaighinn a-mach mu ainmeachadh, cuir fios dhan Bhall ionadail agad.