Prìomhachasan nan Comataidhean – co-chomhairle


Chaidh na comataidhean aig Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh bho chionn ghoirid – ach dè an obair a bhios aca?

Faodaidh tu fhein buaidh a thoirt air sin!

Tha na comataidhean air co-chomhairle a thòiseachadh mu na prìomhachasan a bu chòir a bhith aig na Comataidhean rè an t-seisein seo den Phàrlamaid.

‘S e co-chomhairle air-loidhne a th’ ann agus faodaidh tu beachdan a chur a-steach no bhòtadh air na beachdan aig daoine eile.

Tha fàilte air beachdan sa Ghàidhlig.

Cuir fios thugainn mu na cuspairean a tha cudromach dhutsa!

Alasdair MacCaluim

Oifigear Leasachaidh Gàidhlig

Alasdair.MacCaluim@parliament.scot