Seachdain Mothachaidh nam Bodhar


Tha sinn uile air a bhith a’ smaoineachadh mu thaghadh Pàrlamaid na h-Alba an t-seachdain seo, ach ’s e Seachdain Mothachaidh nam Bodhar a th’ ann cuideachd agus mar sin, tha Oifigear Cànan Sòidhnidh Bhreatainn na Pàrlamaid air post-bloga sònraichte a sgrìobhadh dhuinn!

Marc Mac a’ Mhaoilein, Oifigear BSL na Pàrlamaid

Haidh, is e Mar Mac a’ Mhaoilein an t-ainm a tha orm agus tha mise nam Oifigear Leasachaidh Cànan Soidhnidh Bhreatainn (BSL) an seo ann am Pàrlamaid na h-Alba. Seach gu bheil Seachdain Mothachaidh air Buidhre ann an t-seachdain seo, shaoil mi gum b’ e seo an t-am ceart gus mi fhìn a chur an aithne!

Tha mi air a bhith ag obair aig Pàrlamaid na h-Alba fad 2 bhliadhna cha mhòr agus tha an ùine air a dhol seachad gu math luath. An dèidh dhomh dol nam dhreuchd mar Oifigear Leasachaidh BSL, is e an dleastanas a tha air a bhith orm Pàrlamaid na h-Alba a chuideachadh gus na h-amasan aice a tha a’ nochdadh ann am Plana Cànan-soidhnidh Bhreatainn 2018 gu 2024 a thoirt gu buil. Chaidh na h-amasan seo a chur ri chèile mar fhreagairt air Achd BSL (Alba) 2015 a thug a-steach reachdas air an fheum a bha ann bacaidhean a thig air na Bodhair nuair a tha iad a’ faighinn cothrom air seirbheisean poblach, cosnadh agus seirbheisean foghlaim a thoirt air falbh.

Cha ghabh cur an cèill cho cudromach agus a tha Achd BSL Alba 2015! Bha mi an làthair anns an t-Seòmar-dheasbaid an latha a chaidh an Achd aontachadh, agus b’ e latha mòr làn mothachaidh a bha ann do choimhearsnachd nam Bodhar gu lèir ann an Alba. Bha còraichean nam Bodhar a’ faighinn aithneachadh mu dheireadh thall aig ìre phàrlamaideach agus tha e air a bhith na urram dhomh cuideachadh gus cruth a chur air na h-amasan a thathar air nochdadh agus an toirt gu buil.

Mar phàirt den dreuchd agam, bidh mi ag obair gu dlùth le coimhearsnachd BSL air feadh na h-Alba, gam brosnachadh a dhol an lùib gnothach na Pàrlamaid agus poilitigs. Tha a bhith an sàs agus a’ toirt meas do bheachd muinntir BSL air leigeil leam fios a chumail ris a’ Phàrlamaid mu cheistean cudromach a thig mu choinneamh nam Bodhar. Tha toirt air falbh nam bacaidhean air goireasan pàrlamaideach air fàgail gu bheil leudachadh air a bhith ann an ceangal luchd-cleachdaidh BSL ri poilitigs, le daoine a tha Bodhar a’ seasamh sna taghaidhean a tha air fàire agus aig Pàrlamaid nan Òg.

Pàirt eile den obair agam is e mothachadh air buidhre a chur air adhart air feadh na Pàrlamaid, a’ toirt comhairle do luchd-obrach a thaobh mar a nì iad conaltradh ri luchd-cleachdaidh BSL agus a mar a bhios iad ag obair le eadar-mhìnichearan. Tha Seachdain Mothachaidh air Buidhre daonnan a’ toirt chothroman dha-rìribh dol an lùib luchd-obrach agus an cuideachadh gus pàrlamaid a thuigsinn bho shealladh nam Bodhar. Seo comhairle no dhà a bhios mi a’ toirt gu tric:

  1. Na cleachd na briathran ‘gun chomas claisneachd’ no ‘lùghdachadh air claisneachd’. Tha mi air suidhe aig iomadh coinneamh far an deach na briathran oilbheumach seo a chleachdadh agus tha e air fearg a chur orm riamh. Tha leithid de bhrìghean àicheil an lùib an fhacail ‘lùghdachadh’ agus tha e an-còmhnaidh a’ sealltainn air cion faireachdainn àraidh. Cha dèanadh e ciall nan toirinn ‘gun chomas cànan-soidhnidh’ air daoine aig a bheil claisneachd. Tha e fada nas deimhinniche seach sin ‘bodhar’ no ‘mall sa chlaisneachd’ a thoirt air daoine a tha air claisneachd a chall.   
  2. Nuair a bhios tu a’ còmhradh ri neach Bodhar, cùm a’ coimhead sna sùilean acasan seach ris an teangair aca. Tha mi a’ tuigsinn gu bheil e nàdarrach gun coimhid na sùilean agad air an neach a tha a’ labhairt ach chan eil dìreach nach eil mi a’ cleachdadh mo ghutha a’ ciallachadh nach eil mi a’ labhairt gu dìreach riut fhèin.
  3. Thoir daoine a tha Bodhar a-steach dhan chòmhradh! Gu tric, ma bhios abairt èibhinn a’ dol seachad air neach a tha Bodhar, bithear ag innse dhaibh ‘Och, cha robh e cudromach’, no ‘Innsidh mi dhut a-rithist’. Tha call a-mach air cabadaich an àite-obrach na mhilleadh-dùil ann am fìrinn do dh’iomadh neach a tha Bodhar. Faodaidh aithris sgeul èibhinn no dìreach a bhith a’ bruidhinn mu na tha romhad aig an deireadh-sheachdain a bhith math dha-rìribh mar dhòigh gus an oifis a chumail mar àite càirdeil is farsaing an dà chuid do na Bodhair agus an cuid cho-obraichean aig a bheil claisneachd.

Tha Mothachadh air Buidhre a’ toirt ùine agus mar sin, bidh ceangal ri barrachd dhaoine a tha Bodhar a’ ciallachadh gum fàs e gu math nas fhasa. Tha mise anabarrach deònach daonnan bruidhinn ri neach sam bith mu cheistean an lùib BSL, biodh sin air bhideo no aghaidh ri aghaidh air a’ cheann thall!  

Mark McMillan

Oifigear Leasachaidh BSL

Mark.McMillan@Parliament.scot