Tha Comataidh a’ Cheartais air ainmeachadh gun tòisich Ìre 2 de Bhile Eucoirean Gràin is Òrdugh Phobalach Dimàirt sa tighinn.

Tha tòrr dhaoine ann a’ choimhearsnachd Ghàidhlig air ùidh a nochdadh san reachdas seo, le grunn bhuidhnean is dhaoine fa-leth air am beachdan a chur a-staigh dhan cho-chomhairle aig Ìre i.
Seo bhidio goirid a tha a’ mìneachadh nan diofar ìrean aig bilean.
Aig Ìre 1, chaidh prionnsabalan coitcheann a’ bhile aontachadh. Aig Ìre 2, thèid am bile a dheasbad is a sgrùdadh gu mionaideach, loidhne air an loidhne le Comataidh a’ Cheartais. Faodaidh BPA atharrachaidhean a chur a-steach aig Ìre 2. Chan fheum BPA a bhith air a’ chomataidh a tha a’ sgrùdadh a’ bhile gus atharrachadh a chur air adhart – faodaidh BPA sam bith sin a dhèanamh. Bhòtaidh a’ chomataidh air na h-atharrachaidhean a thèid a chur ris a’ bhile.
Ann an Ìre 3, an ìre mu dheireadh, bhòtaidh a’ Phàrlamaid air fad air a’ bhile agus bi cothroman eile ann atharrachaidhean a chur ris aig an ìre sin. Seo an ìre mu dheireadh den bhile.
Ciamar as urrainn dhomh mo ghuth a thogail?
Ma tha thu airson gun tèid atharrachadh a chur ris a bhile, bu chòir dhut fios a chur dhan BPA agad a’ moladh gun cuir iad atharrachadh a-steach.
Cò na BPA agam?
Faigh a-mach cò na BPA a th’ agad an seo air làrach-lìn na Pàrlamaid.
Càite am faic mi na h-atharrachaidhean a chaidh a chur a-steach?
Chithear na h-atharrachaidhean gu ruige seo air làrach-lìn a’ bhile
Càite am faigh mi barrachd fios mun bhile no mun chomataidh?
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun bhile agus mun chomataidh air làraich-lìn Comataidh a’ Cheartais.
Cò na buill air a’ Chomataidh?
Chithear buill na Comataidh air làrach-lìn na Comataidh
Ma tha ceist sam bith agaibh mun bhile, cuiribh fios thugainn air alasdair.maccaluim@parliament.scot no air twitter aig @ParlAlba.
Alasdair MacCaluim
Oifigear Leasachaidh Gàidhlig