Bhidio ùr mu Athchuingean Pàrlamaideach #gàidhlig


Tha sinn air bhidio ùr fhoillseachadh sa Ghàidhlig mu athchuingean poblach.

Tha e a’ freagairt tòrr cheistean chumanta, a’ gabhail a-steach:

  • Ciamar a chuireas tu athchuinge a-steach?
  • Cia mheud ainm a dh’fheumas tu?
  • Am faod e a bhith mu chuspair sam bith?
  • Am faod mi athchuinge a chur a-steach air-loidhne?
  • Dè thachras às dèidh dhomh athchuinge a chur a-steach?

Gheibh thu na freagairtean do na ceistean sin uile agus tòrr a bharrachd fiosrachaidh anns a’ bhidio!

Alasdair MacCaluim, Oifigear Gàidhlig

gaidhlig@scottish.parliament.scot