Greis-gnìomhachas ann am Pàrlamaid na h-Alba #gaidhlig


Tha Màiri Bell, a tha na h-oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig, air greis-gnìomhachais ann am Pàrlamaid na h-Alba an-dràsta. Anns a’ phost seo tha i ag innse dhuinn mu deidhinn agus mun obair aice sa Phàrlamaid.

ERnuzqpWkAAwGzw

Is mise Mairi. Tha mi air greis gnìomhachais le Alasdair agus Marc na h-Oifigearan Leasachaidh Gàidhlig anns a’ Phàrlamaid.

Tha mi a’ dèanamh cùrsa airson bliadhna aig a’ Cholaiste Ghàidhlig anns an Eilean Sgitheanach gus Gàidhlig ionnsachadh.

‘S e ainm na colaiste Sabhal Mòr Ostaig. Tha i na phàirt de dh’Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Anns a’ Bheurla tha Sabhal Mòr Ostaig a’ ciallachadh the Big Barn at Ostaig. ‘S e Ostaig an t-àite ann an Slèite anns an Eilean Sgitheanach far a bheil a’ cholaiste.

Nuair a dh’fhosgail a’ cholaiste aig toiseach tòiseachaidh, tha mi a’ smaoineachadh gu robh e ann an sabhal mòr ach a-nis tha e ann an togalaichean spaideil a dhealbhaich Page agus Park, a’ chompanaidh ailtireachd ainmeil ann an Glaschu.

800px-Sabhal_Mor_new_campus

Àrainn Chaluim Chille, Sabhal Mòr Ostaig

Mus deach mi gu Sabhal Mòr bha mi ag obair ann an turasachd. Carson fon ghrèin a rachainn dhan cholaiste airson Gàidhlig ionnsachadh!

Uill tha mi à Ìle. Is toil leam a bhith ann an Ìle nam bheachd chan eil àite nas fheàrr airson a bhith .. mar a tha an t-òran ag ràdh ..Westering home …..and its goodbye to care. Bha ùidh agam a-riamh ann an Gàidhlig ach cha robh Gàidhlig nam theaghlach, uill Gàidhlig aig mo sheanair ach chaochail e mus do rugadh mi.

Rinn mi co-dhùnadh gun toirinn ùine airson a’ Ghàidhlig ionnsachadh agus mu dheireadh tha mi ag ionnsachadh Gàidhlig.  Dh’fhàg mi obair agam aig Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròisichean agus thòisich mi ag ionnsachadh Gàidhlig. Tha e duilich is dòcha gu bheil mi beagan ro shean! Ach tha mi air tòrr ionnsachadh agus bhithinn a’ moladh cùrsa le Sabhal Mòr air-loidhne no anns an Eilean Sgitheanach. Tha cùrsaichean goirid an sin cuideachd

Air greis gnìomhachais agam tha mi a’ faighinn eòlas dè an dreuchd a th’ aig oifigear Leasachaidh Gàidhlig agus a’ coimhead air a’ Phlana Ghàidhlig.

Tha mi air buidhnean sgoile agus buidhnean colaisde fhaicinn a’ tadhal air a’ Phàrlamaid agus tha mi air Ceistean dhan Phrìomh mhinistear fhaicinn le taing do Shiùsaidh anns an Sgioba Foghlaim agus tha mi air a bhith ann an Sgoil tro mheadhan na Gàidhlig ann an Cill Mheàrnaig airson seiseasan foghlaim fhaicinn.

Tha an greis-gnìomhachais agam a’ còrdadh rium.

Tha mi air coinneachadh ri mòran dhaoine a tha air a bhith ag obair anns an togalach airson ùine mhòr …. tha mi a’ smaoineachadh gur e àite math a th’ ann airson obair!

Màiri Bell

gaidhlig@parliament.scot