Deasbad Pàrlamaideach gu bhith ann mu Chànanan na h-Alba #gàidhlig #cleachdi


Thèid deasbad a chumail mu Bhliadhna Eòrpach nan Cànanan Dùthchasach agus mu Latha Eòrpach nan Cànanan ann am Pàrlamaid na h-Alba, Diciadain 06 Samhain aig 5f.

iyil2019

‘S e deasbad Gnothaichean Bhall a tha seo, a bhios air a stiùireadh le Aonghas Dòmhnallach BPA. Chithear an gluasad air làrach-lìn na Pàrlamaid.

Thèid Gàidhlig a chleachdadh mar phàirt de seo.

Faodar tiocaidean a chur air dòigh air loidhne, tro phost-dealain : visit@parliament.scot (tha fàilte air post-d sa Ghàidhlig) no aig a’ Phàrlamaid air an latha.

Alasdair MacCaluim

gaidhlig@parliament.scot