Atharraich an saoghal rè Seachdain na #Gàidhlig!


Chan eil ach mìos ann gus an toisich Seachdain na Gàidhlig ann an Dùn Èideann agus tha Pàrlamaid na h-Alba gu bhith a’ cumail dà thachartas! 

Bidh sinn a’ cumail dà sheisean leis an ainm Atharraich an Saoghal tron Ghàidhlig air Diardaoin 14 Samhain – fear sa mhadainn (10m-12f) airson luchd-ionnsachaidh agus fear air an fheasgar (2:30-4:30) airson fileantaich.

thu fhein

Seallaidh an seisean seo ciamar as urrainn dhut do ghuth a thogail ann am Pàrlamaid na h-Alba agus buaidh a thoirt oirre agus cuideachd air mar as urrainn dhut Gàidhlig a chleachdadh còmhla ruinn. Am measg rudan eile, bidh sinn a’ toirt sùil air athchuingean, obair chomataidhean, gluasadan is eile.

Tha sinn an dòchas gum faic sinn an sin thu!

Airson tighinn dhan t-seisean saor is an-asgaidh seo, feumar clàradh ro-làimh: gus àite a ghlèidheadh, cuir post-d gu gaidhlig@parliament.scot

 

Alasdair

gaidhlig@parliament.scot