BSL ann am Pàrlamaid na h-Alba #gaidhlig #bsl #EDLangs


‘S e an-diugh Latha Eòrpach nan Cànanan agus mar sin, tha sinn air iarraidh air ar co-obraiche còir Marc Mac a’ Mhaoilein, Oigifear Leasachaidh BSL Pàrlamaid na h-Alba innse dhuinn mun obair aige agus ma dheidhinn fhèin airson a’ bhloga.

Tha mion-chànan oifigeil ann an Alba a tha air a chleachdadh le 13,000 neach agus aig a bheil an structar gràmair, òrdugh-fhaclan agus na dualchainntean aige fhèin.

Marc Mac a' Mhaoilein, Oifigear BSL Pàrlamaid na h-Alba

Marc Mac a’ Mhaoilein, Oifigear BSL Pàrlamaid na h-Alba

Is e seo an cànan a bh’ agam ’s mi a’ fàs agus a tha mi a’ gabhail ris gu blàth-chridheach mar mo chiad chànan – Cànan Soidhnidh Bhreatainn. Rugadh mi gu tur Bodhar do theaghlach aig an robh claisneachd agus bho aois dà bhliadhna thòisich mi ag ionnsachadh BSL bho leasaiche-cainnt, gus am b’ urrainn dhomh conaltradh le mo theaghlach. Leis gur e rud dà-shligheach a th’ ann an conaltradh èifeachdach, chaidh mo theaghlach is mo charaidean gu clasaichean BSL cuideachd gus am biodh còmhraidhean àbhaisteach againn mar a h-uile duine eile.

Chan e dìreach cànan a th’ ann am BSL do dhaoine Bodhar, tha sinn cuideachd ga fhaicinn mar rud gu tur riatanach do ar cultar Bodhar pròiseil. Dìreach mar chultar luchd na Gàidhlig aig a bheil an ceòl, dannsa, cànan, eachdraidh agus traidiseanan fhèin, tha clubaichean Bodhar, filmichean Bodhar, ealain Bhodhar, beul-aithris Bhodhar, spòrs Bodhar, eachdraidh Bhodhar agus mòran a bharrachd againn, agus cha bhiodh dad dheth comasach às aonais BSL.

Airson mòran dhaoine Bodhar mar mi fhìn a chleachdas BSL, tha tòrr dhuilgheadasan conaltraidh againn nach eil aig a’ mhòr-chuid de dhaoine a thaobh cothrom fhaighinn air seirbheisean, mar eisimpleir, faodaidh coinneamh le dotair, oidhcheannan phàrantan agus dol don taigh-dhealbh a bhith do-dhèanta mura faigh sinn  taic conaltraidh iomchaidh.

Tha sinn an dòchas gun tèid na cnapan-starra conaltraidh làitheil sin a tha mu choinneamh dhaoine Bodhar ann an Alba a lùghdachadh leis an Achd BSL (Alba) a thàinig an gnìomh san Dàmhair 2015. Is e adhbhar na h-Achd cleachdadh BSL a bhrosnachadh ann an Alba, gu sònraichte le bhith ag iarraidh air ùghdarrasan sònraichte planaichean BSL a chruthachadh a bheir cunntas air ciamar a bhrosnaicheas iad agus a thogas iad mothachadh mun chànan.

Is e Pàrlamaid na h-Alba aon ùghdarras den leithid, a tha air am plana BSL aca fhèin fhoillseachadh le 29 puingean gnìomha gus a’ Phàrlamaid a dhèanamh nas ruigsinnich do dhaoine Bodhar – agus gus an cuideachadh le bhith a’ cur a’ phlana an gnìomh, tha iad air m’ fhastadh-sa mar a’ chiad Oifigear Leasachaidh BSL aig Pàrlamaid na h-Alba.

Nam dhleastanas an seo, is e mo phrìomh adhbhar BSL a dhèanamh nas fhaicsinnich oir tha mi a’ creidsinn gu bheil an seann-fhacal ‘rud nach faic sùil cha ghluais cridhe’ gu sònraichte fìor nuair a thig e gu bhith a’ brosnachadh chànanan. Mar as motha a chì daoine BSL ann am Pàrlamaid na h-Alba, is ann as motha de mhothachadh agus de thuigse a bhios aca ma dheidhinn. Tha mi air bhideothan fiosrachaidh BSL a thoirt a-steach a tha air an sgaoileadh don choimhearsnachd BSL gach cola-deug, gan cumail suas ris na tha a’ tachairt ann am Pàrlamaid na h-Alba. Roimhe sin, chan fhaigheadh luchd-cleachdaidh BSL fiosrachadh ach ann an cruth sgrìobhte nach eil an-còmhnaidh freagarrach do chuid. Is e raon cudromach eile den obair agam dèanamh cinnteach gu bheil goireasan taobh a-staigh Pàrlamaid na h-Alba leithid sgrìonaichean fiosrachaidh air an eadar-theangachadh gu h-iomlan gu BSL, mar as trice ann an cruth bhideothan le luchd-aithris Bodhar a’ toirt seachad fiosrachadh ann am BSL. Tha mi cuideachd air a bhith a’ coimhead air ruigsinneachd BSL a mheudachadh airson tachartasan agus taisbeanaidhean leithid tachartasan le mìneachadh BSL aig an Fhèis Phoilitigs.

Tha mi an dòchas le bhith a’ dèanamh Pàrlamaid na h-Alba làn ruigsinneach do luchd-cleachdaidh BSL, gum bi e na cheum air an t-slighe gu fìor cheann-uidhe Achd Cànan Soidhnidh Bhreatainn (Alba) 2015 gur e Alba an t-àite as fheàrr san t-saoghal airson luchd-cleachdaidh BSL a bhith a’ fuireach, ag obair agus a’ tadhal.

Marc Mac a’ Mhaoilein

Oifigear Leasachaidh BSL