Atharraich Alba le cofaidh is cèic! Seiseanan Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba #gaidhlig


Tha sinn gu bhith a’ cumail seachdain Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba air an t-seachdain a’ tòiseachadh 26 Samhain.

Tha tòrr gu bhith a’ tachairt an dà chuid airson a’ phobaill agus airson an luchd-obrach gus inbhe a’ chànain a chur am follais barrachd.

Bidh a’ chuairt dheireannach de Dheasbad nan Sgoiltean a’ gabhail àite sa Phàrlamaid Diciadain 28 Samhain.

Ma tha thu gu bhith a’ tighinn dhan Phàrlamaid airson an deasbaid, carson nach tig thu dhan t-seisean againn ro làimh! Bho 15:30-17:00 air an aon latha bidh seisean fiosrachaidh againn a bhios a’ gabhail a-steach seisean mothachaidh Gàidhlig agus an uair sin cothrom beagan abairtean pàrlamaideach ionnsachadh sa Ghàidhlig! Thèid an seisean seo a chumail sa Bheurla.

ceic

No a bheil thu airson an saoghal atharrachadh? Agus a bheil thu airson srùbag is cèic? Tha seisean fiosrachaidh neo-fhoirmeil gu bhith againn –feasgar cofaidh Gàidhlig far an ionnsaich thu mar a thogas tu do ghuth ann am Pàrlamaid na h-Alba agus mar a bheir thu buaidh air a co-dhùnaidhean. Thèid seo a chumail sa Ghàidhlig – tha fàilte ro fhileantach is luchd-ionnsachaidh. Thèid seo a chumail sa Phàrlamaid Diardaoin 29 aig 3-5f.

Ma tha thu airson clàradh airson an seisean mothachaidh no airson Atharraich Alba le Cofaidh is Cèic, cuir fios thugainn air gaidhlig@parliament.scot no fòn thugainn air 0131 348 5395.

Bi ann no bi fann!

Alasdair