Cothrom coinneachadh ris an Oifigear Riaghlaidh! Bhideo ùr #gàidhlig #gaelic


Tha an t-Oifigear Riaghlaidh ag iarraidh cluinntinn bho òigridh na h-Alba air cò ris a tha beatha coltach dhaibh agus a bheil Pàrlamaid na h-Alba a’ freagairt air na feumalachdan aca.

Seo bhideo Gàidhlig ùr a tha sinn air dèanamh.

 

A bheil thu òg? A bheil thu an sàs ann am buidheann òigridh? Eil Gàidhlig agad? Gabh pàirt anns an iomairt seo agus dh’fhaodte gum bi cothrom agad coinneachadh ris an Oifgear Riaghalaidh!

‘S e 31 Iuchar an ceann-latha mu dheireadh airson iarrtas a dhèanamh.

Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaighinn air làrach-lìn na Pàrlamaid.

Alasdair

gaidhlig@parliament.scot