Turas gu Seanadh na Cuimrigh #gàidhlig #gaelic @CynulliadCymru @AssemblyWales


O chionn goirid dh’fhalbh bhur oifigear foghlaim dàna thall thairis – fad an rathaid don Chuimrigh. Bha mi air turas don t-Seanadh Chuimreach (Senedd) gus rudeigin ionnsachadh mu na dòighean obrach aca. Tha an Senedd sìos aig a’ chaladh ann an Cardiff le sealladh a-mach air an fhairge. Leis cho dìcheallach ’s a tha luchd-obrach na Pàrlamaid dh’fhalbh ar buidheann ga faicinn an oidhche a ràinig sinn.

Tha an togalach fhèin inntinneach. Dh’fhosgail e ann an 2006 ri taobh Cheann a’ Chìdhe, togalach eachdraidheil a b’ àbhaist a bhith air leth cudtromach ann am malairt. Leis na solais air san oidhche thèid agaibh air cuid den taobh a-staigh fhaicinn is tha cruth inntinneach ann. ‘S e seòrsa similear a th’ anns an rud sa mheadhan a thèid suas bhon t-Seòmar Deasbaid aig bonn an togalaich.

cuimrigh 3

Tha an Senedd fada nas bige na Pàrlamaid na h-Alba, 60 ball an àite 129. Chaidh a cruthachadh aig an aon àm ach cha robh cumhachd aice prìomh reachdas a dhèanamh. Cha d’ fhuair i sin gu 2006 agus cha b’ ann gu 2011 às dèidh referendum a fhuair A’ Chuimrigh cumhachd laghannan a dhèanamh air cuspair tiomnaichte sam bith gun chead a shireadh bho Rùnaire na Stàite no Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte an toiseach. Tha na buill (AMan) a-nis a’ beachdachadh air ainm an t-seanaidh atharrachadh gu Pàrlamaid na Cuimrigh ron ath thaghadh ann an 2021.

Cleachdaidh an Senedd an t-aon siostaim-bhòtaidh ’s a chleachdas Alba. Tha 40 sgìre-phàrlamaid ann agus tha 20 AM ann do na roinnean. Thathar a’ beachdachadh air an aois-bhòtaidh ìsleachadh gu 16 ’son taghaidhean comhairle is a rèir coltais tha sin air ùidh a thogail am measg òigridh ann am poileataigs agus anns a’ Chuimrigh mar dhearbh-aithne.

Fad linntean bha Cuimris na bu làidire sa Chuimrigh na bha Gàidhlig an seo agus tha an Senedd air a h-inbhe àrdachadh nas fhaide. Am measg rudan eile tha sgeama ann far am faod luchd-obrach bràistean ag ràdh “neach-ionnsachaidh” no “fileantach” a chleachdadh, agus tha clasaichean aig a h-uile ìre ann do luchd-obrach.

cuimrigh-7.jpg

Ged a chaidh A’ Chuimrigh a cheannsachadh le Sasainn an dèidh bàs Llywelyn ap Gruffudd ann an 1282 bha iomadh oidhirp ann na Sasannaich fhuadachadh. Bha an t-ar-a-mach mu dheireadh fo Owain Glyndŵr tràth sa chòigeamh linn deug. Chaill na Cuimrich. Nuair a thàinig an Rìgh Eanruig VIII de Shasainn gu cumhachd san t-siathamh linn deug chuir esan laghannan air bhonn eadar 1535-42 a thug sealbhadaireachd na Cuimrigh do Shasainn. A dh’aindeoin sin, taobh a-muigh an Senedd bidh fhios agaibh nach eil sibh ann an Sasainn leis na brataichean agus faclan Cuimris.

cuimrigh 8

Aig ceann na Sràide Àirde tha an caisteal. Chaidh caisteal (castrum) a thogail ann an Cardiff le Julius Frontinus mu 55AC nuair a bha na Romanaich a’ dèanamh ìonnsaigh air na Silures, an treubh Ceilteach sa Chuimrigh a Deas. Tro na linntean chaidh pìosan a chur ris, gu h-àraidh leis na Normanaich, ach suas cha mhòr don latha an-diugh cuideachd. B’ ann san Dàrna Cogadh a chaidh a chleachdadh mar chaisteal an uair mu dheireadh. Rachadh aig 1800 neach fasgadh fhaotainn bho ruagaidhean-adhair taobh a-staigh nam ballachan.

cuimrigh 9

Ri cùl a’ chaisteil tha Pàirc Bhòid, a fhuair a h-ainm bhon chòigeamh Marquess Bhòid. B’ ann leis-san a bha an caisteal agus a’ phàirc mun cuairt ach thug e seachad iad do mhuinntir Cardiff ann an 1947. Taobh a-staigh na pàirce bha beathach gu math inntinneach. Saoil an e taigeis à Baile Bhòid a th’ ann?

Mairead NicEacharna

Oifigear Foghlaim an Iar, Seirbheisean Ruigsinn

Mairead.Mackechnie@parliament.scot