Tachartas air Plana BSL na Pàrlamaid #gàidhlig #gaelic


Tha a’ Phàrlamaid gu bhith a’ cumail tachartas co-chomhairleachaidh mu Phlana BSL (Cànan Soidhnidh Bhreatainn) na Pàrlamaid air 18/19 Cèitean.  

Seo bhidio ann am BSL mun tachartas:

https://youtu.be/zbCHjUkbDk0

Gheibhear barrachd fiosrachaidh air làrach-lìn na Pàrlamaid.

Tha ìre de dh’inbhe oifigeil aig BSL fo Achd Cànan Soidhnidh Bhreatainn (Alba) 2015. Coltach ri suidheachadh na Gàidhlig, tha plana nàiseanta reachdail ann airson a’ chànain cho math ri planaichean reachdail aig ùghdarrasan poblach. Tha a’ Phàrlamaid trang ag ullachadh plana BSL aig an àm seo.

BSL_final_poster

Alasdair

gaidhlig@parliament.scot