Deasbad air Plana Nàiseanta na #Gàidhlig an-dè #gaelic


Chaidh deasbad a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba an-dè mu Phlana Nàiseanta na Gàidhlig.

Plana Nàiseanta na Gàidhlig

 

Bhathar a’ deasbad a’ ghluasaid seo:

gluasad

Chaidh atharrachaidhean a chur air adhart le Liz Nic a’ Ghobhainn (Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba) agus le Iain Grey (Pàrtaidh Làbarach na h-Alba).

liz s

ig amendment

Bhruidhinn cuid de na BPA anns a’ Ghàidhlig, a’ gabhail a-steach Ceit Fhoirbheis BPA is Alasair Allan BPA a thug seachad làn òraidean anns a’ Ghàidhlig agus BPA eile a chleachd seantansan no abairtean Gàidhlig, a’ gabhail a-steach Rhoda Ghrannd BPA agus Iain Ó Finnaí BPA.

Bhruidhinn na buill air grunn diofar chuspairean a’ gabhail a-steach foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, leasachadh eaconamach ann an coimhearsnachdan Gàidhlig agus craoladh Gàidhlig.

Aig deireadh an deasbaid, chaidh aontachadh a dh’aona-ghuthach ris a’ ghluasad agus ris an dà atharrachadh is mar sin, chaidh na leanas aontachadh leis a’ Phàrlamaid:

Gluasad PNG

Is urrainn dhut an deasbad air fad a leughadh ann an Aithisg Oifigeil na Pàrlamaid.

No ma tha thu airson coimhead air an deasbad, seo e air an seanal YouTube againn:

 

Alasdair

gaidhlig@parliament.scot