Gàidhlig gu leòr san t-Seòmar #gàidhlig #gaelic


Chaidh tòrr Gàidhlig a chleachdadh san t-Seòmar an-dè aig deasbad mu Chùmhnant UNESCO air Dìon Dualchas Cultarach Do-bheantainn (Convention for the Safeguarding of Intangible Cultural Heritage).

Bhathar a’ beachdadh air tòrr dhiofar sheòrsaichean dualchais do-bheantainn, a’ gabhail a-steach Gàidhlig, Beurla Ghallda, clò-mòr na Hearadh, òrain, sgeulachdan is tòrr mòr a bharrachd.

Lìbhrig Ceit Fhoirbheis òraid anns a’ Ghàidhlig agus chleachd buill eile a’ gabhail a-steach Dòmhnall Camshron, Alasdair Allan agus Stiubhart Stevenson.

Faodar an deasbad air fad a leughadh anns an Aithisg Oifigeil.

Faodar coimhead air bhidio den deasbad air-loidhne.

Alasdair

gaidhlig@parliament.scot