Seilleanan-meala na Pàrlamaid air sgrìon! #gàidhlig #gaelic @mac_tbh @gaelicmedia


Bha criutha film againn aig a’ Phàrlamaid bho chionn dà sheachdain a bha a’ filmeadh seilleanan-meala na Pàrlamaid.

susannah 1

Tha ceithir beachlannan againn an seo aig a’ Phàrlamaid agus gheibhear barrachd fiosrachaidh mun deidhinn sa phost-bloga seo.

Bha Eilidh is Niall aig MacTV aig a’ Phàrlamaid a’ filmeadh airson a’ phrògraim anns an t-sreath Trusadh a bhios a’ dol a-mach air BBC Alba. Bidh am prògram seo a’ coimhead air seilleananmealla agus an àrainneachd.

Seo beagan dealbhan a thog sinn air an latha.

 

 

Sgaoilidh sinn fios air twitter nuair a tha fios againn cuine a thèid am prògram inntinneach seo a-mach.

Alasdair