Bileag ùr mu Chrèche Pàrlamaid na h-Alba #gàidhlig #gaelic


A bheil thu gu bhith a’ tighinn dhan Phàrlmaid airson turas, airson coimhead air gnothaichean Pàrlamaideach, airson coinneamh, airson coinneachadh ri BPA no airson adhbhar eile? A bheil clann òg agad? 

Is dòcha gum bi ùidh agaibh ann an crèche Pàrlamaid na h-Alba.

creche

Tha an crèche:

  • an-asgaidh agus faodar a chur gu feum airson suas ri 4 uairean
    a thìde ann an latha;
  • airson clann eadar 6 seachdainean agus 5 bliadhnaichean
    a dh’aois;
  • fosgailte Diluain gu Dihaoine, 8.00m – 6.00f

Tha sinn air bileag ùr fhoillseachadh mun chrèche sa Ghàidhlig.

Alasdair