Geàrr-chunntas Gàidhlig de dh’aithisg Bhile nan Eilean ri fhaighinn #gàidhlig #gaelic @SP_RECcttee


Dh’aithris sinn an t-seachdain sa chaidh gun deach aithisg Comataidh na  h-Eaconomaidh Dùthchail agus Ceangailteachd air Bile nan Eilean fhoillseachadh.

 

aithisg comataidh

Tha geàrr-chunntas Gàidhlig den aithisg ri fhaighinn a-nis air làrach-lìn na Comataidh.

Taing a-rithist dhan a h-uile duine a chur am beachdan a-steach dhan cho-chomhairle anns a’ Ghàidhlig – agus cuimhnich gum faodar pàirt a ghabhail anns a h-uile co-chomhairle tron Ghàidhlig. Tha sinn a’ cur fàilte air conaltradh sa Ghàidhlig air cuspair sam bith, uair sam bith!

Alasdair

gaidhlig@parliament.scot