Aithisg air Bile nan Eilean air fhoillseachadh #gàidhlig #gaelic @SP_RECcttee


Chaidh aithisg Comataidh na  h-Eaconomaidh Dùthchail agus Ceangailteachd air Bile nan Eilean fhoillseachadh na bu thràithe an t-seachdain seo.

aithisg comataidh

Gheibhear an aithisg air fad air làrach-lìn na Comataidh.

Tha a’ Chomataidh a’ moladh gum bu chòir do Phàrlamaid na h-Alba aonta a chur ri prionnsapalan coitcheann Bile nan Eilean.

San aithisg aca, tha a’ Chomataidh a’ cur taic ris a’ Bhile ach thuirt iad gu bheil e deatamach gun tèid ealla a ghabhail ri prìomhachasan muinntir nan eilean ann am Plana Nàiseanta nan Eilean a thèid a dhealbh às dèidh a’ Bhile.

Thug e bronsachadh mòr dhuinne aig sgioba na Gàidhig gun d’fhuair a’ Chomataidh tòrr mòr freagairtean dhan cho-chomhairle anns a’ Ghàidhlig.

Bha cuid de na freagairtean co-cheangailte ris a’ chànan agus thug a’ chomataidh iomradh air a’ Ghàidhlig anns na molaidhean aice:

coraichean daonnaAlasdair

gaidhlig@parliament.scot