Canèideanaich a’ cèilidh oirnn #gàidhlig #gaelic @ParlInternship


Thadhail buidheann de dh’inntearnaich à Pàrlamaid Feadarail Chanada air Pàrlamaid na h-Alba na bu thràithe an t-seachdain seo.

Choinnich iad ri grunn luchd-poileataigs agus ri Coinneach Mac an Tòisich, Oifigear Riaghlaidh na Pàrlamaid.

Bha ùidh aca ann am poileasaidh cànain agus bha iad airson cluinntinn mun Ghàidhlig ann an Alba agus ann am Pàrlamaid na h-Alba agus chaidh iarraidh orm seisean a chumail dhaibh mun Ghàidhlig.

Chòrd e rium bruidhinn riutha mun Ghàidhlig ann an Alba – agus ann an Canada – is a bhith a’ cluinntinn nam beachdan aca air cànanan an dà chuid ann an Alba agus ann an Tìr nan Craobh.

Alasdair

gaidhlig@parliament.scot