Pàrlamaid na h-Alba a’ sireadh bheachdan air trusadh luchd-teagaisg #gàidhlig @SP_EduSkills


Tha Comataidh Foghlaim is Sgilean Pàrlamaid a’ sireadh bheachdan an-dràsta air trusadh agus cumail luchd-teagaisg.

Bun-sgoil Taobh na Pàirce, Dùn Èideann

Am measg nan ceistean a tha iad a’ faighneachd, tha:

  • Dè na prìomh dhuilgheadasan a th’ ann a thaobh a bhith a’ fastadh is a cumail luchd-teagaisg?
  • A bheil beachd sam bith agaibh dè an dòigh as fheàrr gus dèanamh cinnteach gun tèid an àireamh cheart de luchd-teagaisg a thrèanadh is fhastadh airson sgoiltean na h-Alba?
  • Dè a’ bhuaidh a th’ aig a’ ghainnead de luchd-teagaisg ann an sgìrean sònraichte de dh’Alba no ann an cuspairean sònraichte agus dè a ghabhas dèanamh mu dheidhinn seo?

Seo deagh chothrom do dhaoine a tha an sàs ann am foghlam Gàidhlig is foghlam tro mheadhan na Gàidhlig na beachdan aca a thoirt don Phàrlamaid a thaobh trusadh luchd-teagaisg.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun rannsachadh air làrach-lìn an rannsachaidh.

Feumaidh beachdan a bhith a-steach ro dheireadh an latha, Diciadain 26 Giblean.

Tha a’ chomataidh a’ cur fàilte air fianais sa Ghàidhlig.

Alasdair

gaidhlig@parliament.scot

One thought on “Pàrlamaid na h-Alba a’ sireadh bheachdan air trusadh luchd-teagaisg #gàidhlig @SP_EduSkills

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s