Seachdain Mothachaidh an Òtasaim #gàidhlig #WorldAutismAwarenessWeek


Seo Seachdain Mothachaidh na Òtasaim agus gus a comharrachadh, tha Pàrlamaid na h-Alba air a bhith a’ tweeteadh mu na Teachdairean Òtasaim no Autism Champions againn aig @ScotParl.

Tha Andaidh Philip ag obair ann an Aithisg Oifigeil na Pàrlamaid. Tha Gàidhlig aige agus tha e am measg nan teachdairean òtasaim. Bhruidhinn sinn ris mu dheidhinn.

autism-awareness-week-andy gaidhlig

Andaidh, tha thu nad Theadaire Òtasaim. Saoil am biodh tu deònach innse dhuinn mun ròl agad mar Teachdaire Òtasaim?

’S e pàirt mhòr den ròl againn aire a thogail mu òtasam am measg luchd-obrach na Pàrlamaid, agus am measg nam BPA agus an luchd-obrach aca cuideachd. A bharrachd air sin, ma tha cuideigin aig a’ bheil òtasam a’ tadhal air a’ Phàrlamaid, bi sinn ri làimh gus an cuideachadh.

Carson a bha thu airson a bhith nad Theacdaire Òtasaim sa chiad dol a-mach?

Tha òtasam air mo bhràthair agus tha mi airson ruideigin a dèanamh gus an suidheachadh do dhaoine aig a’ bheil òtasam a dhèanamh nas fheàrr. 

autism-awareness-week-phillipa

Tha Susan Parry a tha na h-Oifigear Foghlaim cuideachd na Teachdaire Òtasaim. An t-seachdain seo, cluinnidh tu Susan a’ bruidhinn air òtasam agus Pàrlamaid na h-Alba ann an Gaelic Word of the Week.

Ma tha thu airson barrachd ionnsachadh mu òtasam agus Pàrlamaid na h-Alba, faic an làrach-lìn againn.

Alasdair

alasdair.maccaluim@parliament.scot

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s