Ceud mìle fàilte! Taisbeanadh ùr na Pàrlamaid air fhosgladh #gàidhlig


Chaidh an taisbeanadh ùr aig Pàrlamaid na h-Alba fhosgladh gu h-oifigeil an-dè leis an Oifigear Riaghlaidh Ken Mac an Tòisich BPA.

New Permanent Exhibition opens at Scottish Parliament

‘S e amas an taisbeanaidh ùir gum faigh luchd-tadhal a-mach mu obair na Pàrlamaid agus mu a h-eachdraidh ann an dòigh spòrsail.

Tha dà earrann san taisbeanadh. Tha a’ chiad phàirt a’ coimhead air obair Pàrlamaid na h-Alba, a’ gabhail a-steach chumhachdan tiomnaichte, an obair aig BPA agus mar a tha siotam bhòtaidh na Pàrlamaid ag obair.

Tha an dàrna phàirt a’ coimhead air eachdraidh seann Phàrlamaid na h-Alba, air dùnadh na seann Pàrlamaid, agus mun t-slighe a dh’ionnsaigh fèin-riaghladh ann an 1999.

Tha sgeulachdan ann air feadh an taisbeanaidh mu dhaoine a rinn iomairt ann am Pàrlamaid na h-Alba gus laghan atharrachadh, bho ghairmean fòn saor is an-asgaidh, gu ath-fhosgladh Rathad-iarainn nan Crìochan.

Am measg nan daoine a rinn iomairt anns a’ Phàrlamaid a tha san taisbeanadh, tha an neach-iomairt Gàidhlig Iain Macleòid a rinn iomairt airson achd Ghàidhlig.

john-m

Iain Macleòid ag èisteachd ris fhèin aig an taisbeanadh ùr

Tha an taisbeanadh dà-chànanach.

Alasdair

 

 

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s