Seachdain #Gàidhlig Pàrlamaid na h-Alba a’ tòiseachadh


Tha Seachdain Gàidhlig a’ tòiseachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh. 

Parlamaid agadsa

Seo fios naidheachd a tha sinn air cur a-mach an-diugh le barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn.

Seachdain na Gàidhlig a’ dol fo stiùir aig Pàrlamaid na h-Alba

 Tha seachdain de thachartasan Gàidhlig a’ tòiseachadh aig Pàrlamaid na h-Alba (Diluain 28 Samhain).

Cho math ri seiseanan ‘blasad Gàidhlig’ do mhuinntir a’ phobaill, luchd-obrach agus BPA, bidh cuairt dheireannach Deasbad Gàidhlig nan Sgoiltean a’ tachairt ann an Taigh an Ròid, a thèid a chraoladh beò air BBC Radio nan Gàidheal aig 7f Diciadain.

 Gheibhear fiosrachadh gu h-ìosal mu thachartasan na seachdaine don phoball agus luchd-obrach na Pàrlamaid.

Thuirt Oifigear-riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, Am Fìor Urr. Coinneach Mac an Tòisich BPA:

“Bidh an t-seachdain seo aig Taigh an Ròid a’ dèanamh gàirdeachas ris a’ Ghàidhlig.  Ge bith an e fileantach a th’ annad no cuideigin a tha dìreach airson facal no dhà a thogail, bidh rudeigin dhut an seo, agus tha sibh làn di-beathte – ceud mìle fàilte dhuibh uile!”

Am measg thachartasan na seachdaine tha:

Diluain 28 Samhain:

  • Gàidhlig 1: Togail aire mun Ghàidhlig (do luchd-obrach)

Gàidhlig am measg chànanan an t-saoghail. Carson a tha cànan cudromach. Eachdraidh na Gàidhlig, crìonadh agus ath-bheothachadh, Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Dimàirt 29 Samhain

  • Gàidhlig 2: Beagan Còmhraidh (do luchd-obrach)

Abairtean feumail agus còmhradh sìmplidh le fòcas air na làraich air-loidhne Blasad Gàidhlig agus Abair Beagan.  Inntrigeadh air fuaimean agus litreachadh na Gàidhlig.

Diciadain 30 Samhain

  • Blasad Gàidhlig/Seisean Neo-fhoirmeil (do luchd-obrach, Buill agus luchd-obrach Bhall) 11m-2f ann an TG.24.
  • Cairtean-bidhe Gàidhlig ann an Taigh-bidhe a’ Ghàrraidh agus Café Poblach na Pàrlamaid
  • Coinneamh na Buidhne Tar-phàrtaidh Gàidhlig – a’ coinneachadh ann an Seòmar Comataidh 5 (1f), cuir fios air Kate Fhoirbeis BPA airson fiosrachadh (neach-cathrach na buidhne)
  • Cuairt dheireannach Deasbad Gàidhlig nan Sgoiltean – 7f, Seòmar Comataidh 2, fios: Calum Iain MacLeòid, Comunn na Gàidhlig, fòn: 01851 701802, calumiain@cnag.org
  • Cuirm na Buidhne Tar-phàrtaidh Gàidhlig – Lobaidh a’ Ghàrraidh (às dèidh deasbad nan sgoiltean). Calum Iain MacLeòid, Comunn na Gàidhlig, fòn: 01851 701802, calumiain@cnag.org

 

Diardaoin 1 Dùbhlachd

  • Gàidhlig 2: Beagan Còmhraidh – do luchd-obrach/ BPA agus muinntir a’ phoball a rinn clàradh ro-làimh (gus àite a ghleidheadh, faic gu h-ìosal) – 2-3.30f.

Abairtean feumail agus còmhradh sìmplidh le fòcas air na làraich air-loidhne Blasad Gàidhlig agus Abair Beagan. Inntrigeadh air fuaimean agus litreachadh na Gàidhlig.

  • Taisbeanadh sa Phrìomh Thalla a’ sealltainn sheirbheisean Gàidhlig na Pàrlamaid. Gheibh muinntir a’ phobaill fiosrachadh an seo agus bidh luchd-obrach an làthair eadar 10-2f.

Dihaoine 2 Dùbhlachd

  • Turas Gàidhlig

Turas Gàidhlig agus dà-chànanach air Pàrlamaid na h-Alba do luchd-ionnsachaidh, 1f.

  • Gàidhlig 3: A’ cleachdadh do chuid Gàidhlig sa Phàrlamaid (do luchd-obrach/Buill agus muinntir a’ phobaill/oileanaich msaa a rinn clàradh ro-làimh. Gus àite a ghleidheadh, faic gu h-ìosal) – 2-4f.

Cothrom do chuid Gàidhlig a chleachdadh agus a leasachadh ann an suidheachadh càirdeil, neo-fhoirmeil le taic bho luchd-obrach na Pàrlamaid aig a bheil Gàidhlig.

Ceangalan, luchd-fiosrachaidh agus inntrigeadh poblach:

Seiseanan Gàidhlig don Phoball – airson clàradh don phoball anns na seiseanan Gàidhlig air Diardaoin agus Dihaoine: Alasdair MacCaluim/Marc Mac an Fhilidh air 0131 348 5395, gaidhlig@parliament.scot

Cuir fios air agus theirig an sàs sa Phàrlamaid sa Ghàidhlig:

WWW.PARLIAMENT.SCOT/GAELIC

  • Faodaidh tu litir no post-d Gàidhlig a chur do Phàrlamaid na h-Alba agus gheibh thu freagairt sa Ghàidhlig. Faodaidh tu fònadh cuideachd air an àireamh Ghàidhlig againn 0131 348 5395
  • Faodaidh tu ar leantainn agus bruidhinn rinn sa Ghàidhlig air na meadhanan sòisealta. Tha sinn glè fhollaiseach air na meadhanan sòisealta sa Ghàidhlig leithid Twitter agus blog Gàidhlig.
  • Bidh sinn a’ lìbhrigeadh sheiseanan Gàidhlig no dà-chànanach do sgoiltean, colaistean agus buidhnean foghlaim eile. Faic earrann foghlaim na làrach-lìn againn airson tuilleadh fiosrachaidh.
  • Airson daoine aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig no a tha ag iarraidh a h-ionnsachadh, tha Facal Gàidhlig na Seachdaine air Soundcloud gus luchd-ionnsachaidh a chuideachadh le Gàidhlig shìmplidh a thogail fhad ’s a dh’ionnsaicheas iad beagan mun Phàrlamaid.
  • Faodaidh tu litir no post-d Gàidhlig a chur do na BPA agad.
  • Faodaidh tu fianais sgrìobhte a thoirt do chomataidhean na Pàrlamaid sa Ghàidhlig.
  • Faodaidh tu athchuingean poblach a chur a-steach sa Ghàidhlig.

 

Alasdair

gaidhlig@parliament.scot

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s