Àrd-eaglais an Naomh Magnus, Kirkwall #arcaibh #gàidhlig


Bha sgioba Foghlam Ruigsinneach Pàrlamaid na h-Alba air ais gu tuath nuair a bha Arcaibh a’ dèanamh deas ‘son cuimhneachadh Blàr Jutland, am blàr mara as motha sa Chiad Chogadh.  Air 31 Cèitean 1916 thachair arm-mara na Rìoghachd Aonaichte fo Jellicoe agus arm-mara na Gearmailte fo Scheer faisg air an Danmhairc. Mhair am blàr eatorra fad dà latha agus aig a’ chrìoch bha còrr is 6,000 marbh air taobh na RA agus còrr is 2,500 marbh air an taobh eile. Chaidh seirbheis dhaibh a chumail ann an Àrd-eaglais an Naomh Magnus ann an Kirkwall, far an do chuireadh  “uinneag-caoinidh” le poppies.

Magnus 1

An ‘uinneag-caoimhnidh’

‘S e togalach air leth inntinneach a th’ anns an Àrd-eaglais. Bha i stèidhichte ann an 1137 le Rognvald, An t-Iarla Arcaibh, mar chuimhneachan don Naomh Magnus Erlendsson. Tràth san dàrna linn deag bha Arcaibh fo smachd Magnus agus a cho-ogha Hakon, ach bha trioblaid eatorra agus on a bha Arcaibh a’ fulang air a thàilleabh chùm iad coinneamh ann an Egilsay gus rudan a rèiteachadh. Bhris Hakon an t-aontachadh, a’ nochdadh le ochd bàtaichean de saighdearan. Chaidh Magnus a mharbhadh, a rèir na sgeulachd nuair a bha e a’ deanamh ùrnaigh. Chaidh a thòrradh ann an Birsay agus cha robh e fada gus an do thòisich muinntir an àite a’ dol don uaigh a dh’iarraidh mìorbhailean. Mar sin nuair a thàinig Rognvald, mac piuthar Magnus, gus an iarlachd a ghabhail na àite thog esan an àrd-eaglais agus thug e corp Magnus à Birsay gu Kirkwall. Nuair a chaidh Rognvald fhèin a mharbhadh ann an 1158 chaidh esan a chur san eaglais cuideachd.

Bha an àrd-eaglais fo smachd Trondheim gus an d’ fhuair Alba  Arcaibh air ais ann an 1468. Bliadhna no dhà an dèidh sin thug an Rìgh Seumas III i seachad do mhuinntir Kirkwall. Nuair a thàinig an t-Ath-leasachadh ann an 1560 thòisich Eaglais na h-Alba a cleachdadh agus san latha an-diugh ’s ann le muinntir Arcaibh a tha i.

Tha an togalach bòidheach taobh a-muigh agus taobh a-staigh.

Chaidh obair a dhèanamh san naoidheamh linn deug is a-rithist san fhicheamh gus uinneagan agus ùrlaran a dh’ùrachadh.

 

Chaidh obair fiodha a dhèanamh cuideachd.

Magnus 9

Mairead NicEacharna

Oifigear Foghlaim a-muigh

Mairead.Mackechnie@parliament.scot

Tha Mairead ag obair mar oifigear foghlaim aig Pàrlamaid na h-Alba agus bidh i a’ siubhal air feadh na h-Alba a’ tadhal air sgoiltean – Gàidhlig is Beurla – gus innse dhaibh mu Phàrlamaid na h-Alba. Bidh i a’ sgrìobhadh an seo mu na h-àiteachan air am bi i a’ tadhal mar phàirt den obair aice – ann an deagh Ghàidhlig Ìle!

 

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s