Pàrlamaid ioma-chànanach! #gàidhlig


Ghabh Buill ùra Pàrlamaid na h-Alba na bòidean is daingneachaidhean (oaths and affirmations) madainn an-diugh.

‘S e seisean gu math ioma-chànanach a bh’ againn an-diugh le Gàidhlig, Scots, Urdu agus beagan Arabais air an cleachdadh.

Leugh na thachair san t-seisean anns an Aithisg Oifigeil.

Faodar a’ coimhead air a’ choinneamh air bhideo air YouTube.

 

Rinn an fheadhainn a leanas bòid no daingneachadh sa Ghàidhlig: Alasdair Allan, Iain Ó Finnaí (Finnie), Ceit Fhoirbheis, Ruth NicGuaire agus Maree Todd.

Rinn Micheal Ruiseal e an-dà chuid anns a’ Ghàidhlig agus anns an Scots.

Chaidh bòid no daingneachadh a dhèanamh san Scots le: Peadar Chapman, Marc MacDhòmhnaill, Caoimhinn Stiùbhart agus Maureen Watt.

Agus chleachd Humza Yousaf Urdu airson na bòid aigesan.

Abair latha dà chànanach!

Tha taghadh an Oifigear Riaghlaidh a’ dol air adhart an-dràsta. Lean seo beo air TBh na Pàrlamaid.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

 

 

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s