An Druim Mòr – baile nan naomh is nan UFO! #gàidhlig


O chionn goirid sgrìobh mi air turas a Shealtainn, ag ràdh nach robh àite ann an Alba far nach rachadh an t-Seirbheis Foghlaim.

B’e an fhìrinn a bh’ agam. An dèidh cha mhòr cho fada tuath ann an Alba ’s a tha ann chaidh mi gu cho fada deas ’s a tha ann, an Druim Mòr ann an Gall-ghàidheil a laigheas dìreach mìle no dhà tuath bhon Mhaol. Tha An Druim Mòr nas fhaide deas na Carlisle agus Durham ann an Sasainn. ‘S dòcha gun e sin an t-adhbhar a chì sibh craobhan a’ cinntinn an sin nach faic sibh gu tric sna h-eileanan.

craobhan

Tha daoine air a bhith a’ fantail anns an Druim Mhòr bho co-dhiù 8000 bliadhna ro Chrìosd agus tha na Gàidheil air a bhith ann co-dhiù cho fada ‘s a tha iad air a bhith anns na h-eileanan. Bha an sgìre cudtromach anns an t-seann eaglais. Bha an Naomh Ninian ag obair san 4mh linn ann an Whithorn, rud beag air falbh, far an robh Candida Casa stèidhichte mus robh an Naomh Colm Cille trang san Earra-Ghàidheal. Mu 1860 lorgadh clach-chinn bhon 5mh no 6mh linn dìreach mìle air falbh bhon Druim Mhòr.

A bharrachd air Ninian, tha ceangal ann ris an Naomh Medan ged nach eil sinn cinnteach a-nis cò bh’ ann no a bh’ innte. Chìthear an t-aon ainm ann an Troon (boireannach) agus tha Medan eile (fireannach an uair seo) ceangailte ri Abaid Obar-Bhrothaig. Tha deasbad ann cuideachd an e “Medan” an t-ainm ceart, no am b’ e “Aedan”  (bha 16 naomh ann eadar Èirinn is Alba), no Etain (Roscommon). Ann an 1610 chlàraich Timothy Pont ainm an eaglais ionadail (is mar sin an sgìre) mar “Kirk Madin”, a-nis “Kirkmaiden”. Aig an àm sin bha an eaglais mu dhà mhìle air falbh, faisg air St Medan’s Cave. Ann an 1638 dh’iarr a’ chlèir àite na bu fhreagarraiche agus san latha an-diugh tha an eaglais sa bhaile fhèin. Thogadh i ann an 1903.

Eaglais

‘S e An Druim Mòr an aon chaladh air taobh siar Bàgh Luce agus mar sin bha e cudtromach  sa ghnìomhachas aoil san 19mh linn. San Dàrna Cogadh chleachd an t-arm e agus chùm an MOD smachd air a’ chaladh an dèidh a’ chogaidh a chuideachadh le trèanadh ann an RAF West Freugh, faisg air làimh. B’ ann an West Freugh a thachair sealladh ainmeil UFO ann an 1957.  A rèir na chunnaic iad aig an àm bha rudeigin mòr a shuidh gun ghluasad fad 10 mionaidean mu 50,000 troigh os cionn na fairge, agus an-uairsin dh’èirich e dìreach suas agus rinn e tionndadh no dhà “nach gabhadh dèanamh” mus do dh’fhalbh e. Cha robh leisgeul riamh ann dè bh’ ann.

‘S dòcha gun robh ET a’ smaointinn air làithean saora ann an Alba?

Neonachan

Mairead NicEacharna

Oifigear Foghlaim

Mairead.Mackechnie@scottish.parliament.uk

 

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s