A’ sealltainn air Sealtainn! #gàidhlig


Mar a tha mi air ràdh cheana chan eil àite ann an Alba far nach tèid an t-Seirbheis Foghlaim agus o chionn goirid bha sin a’ ciallachadh turas a Shealtainn dhomh.

Is mise oifigear foghlaim taobh an iar agus ’s dòcha gun do mhothaich sibh uile nach eil Sealtainn don iar idir. Gu fortanach chan eil oifigear taobh an ear air a bhith ann an Leòdhas riamh agus tha i air a bhith ann an Sealtainn. Rinn mi a-mach gun robh Leòdhas brèagha (na h-abraibh  rithe nach eil!) is mar sin thèid ise a Steòrnabhagh nam àite is chaidh mise a Lerwick na h-àite.

IMG_1996

B’ e sin a’ chiad uair a bha mi ann agus fhuair mi gu math inntinneach e. Gu h-ìre tha e cosail ris an Innse Gall, gu h-àraidh na h-eileanan a-muigh leis na h-ainmean-àite, ach tha barrachd ro-eachdraidh ri fhaicinn anns na h-eileanan gu tuath. Tha eachdraidh na laighe mun cuairt Ìle ann an cnapan ach tha a’ mhòr-chuid bho àm Rìghrean nan Eilean.

Feumaidh mac-meanmna fiadhaich math a bhith agaibh ar broch a dh’aithneachadh no ar dùin a dhèanamh a-mach. Ged a bha e a’ dol a bhith gu math mòr, cha do chuir mo shinnsearan crìoch air ar cearcal chlach anns an Roinn riamh (saoil am b’ e an t-uisge-beatha a chur stad orra?). Tha an cearcall Poball Fhinn ann an Uibhist a Tuath ann an staid nas fheàrr agus dh’aithneachadh duine sam bith Dùn Chàrlabhaigh agus na Tursachan ann an Leòdhas,  ach theirinnsa nach faic sibh làraichean bhon àm ro Chrìosd suas gu h-àm nan Lochlannach a tha cho pailt,  cho dlùth air a chèile agus ann an staid cho math ‘s a chì sibh gu tuath.

IMG_2042

Jarlshof, Sealtain

Tha Jarlshof dìreach ri taobh port-adhair Sumburgh is mar sin bha ùine agam fhaicinn mus do dh’fhalbh mi don sgoil ann an Lerwick.  Tha Jarlshof mar postair eachdraidh 3D, a’ tòiseachadh aig Linn nan Clach agus a’ dol tro na linntean gus an do thill Sealtainn fo smachd Albannach ann an 1469. An dèidh sin chaidh taigh a thogail san 16mh linn leis an Iarla Pàdraig Stiùbhart, ogha an Rìgh Seumas V. B’e baile a bh’ann nuair a bha na h-eileanan tuath fo smachd nan Lochlannach ach fhad’s a dh’fhalbh ùine air aghaidh dh’atharraich e gu tuathanas agus tha e soirbh taigh fada bhon 12mh no 13mh linn a dh’fhaicinn.

Tha iomadh rud eile inntinneach ann mun cuairt, ach b’ fheudar dhomh dol a Lerwick gus mo bheò-shlaint a dhèanamh. Thèid an t-seirbheis againn do sgoiltean agus buidhnean coimhearsnachd gus taisbeanaidhean a dhèanamh air a’ phàrlamaid, bhòtadh, pàrtaidhean poileataigeach agus mar sin air adhart. Nì mise an taisbeanadh tro mheadhan na Gàidhlig  far am bi sin freagarrach. Tha Alba air a roinn ann an trì bho na Crìochan gu Sealtainn. Thèid mise do dh’àitichean iar air Gretna agus àite sam bith far am bi feum air  Gàidhlig (sgoil no buidheann inbheach); thèid tè eile do dh’àitichean ear air Inbhir Nis agus thèid an treas oifigear do na h-àitichean anns a’ mheadhan. Sgaoilidh mi fiosrachadh air cothroman trèanaidh sa Ghàidhlig fhad ‘s a bhios mi a’ dol timcheall ach on a bhios muinntir Shealtainn a’ feuchainn ris a’ chainnt dhualchasaich a bhrosnachadh an àite Gàidhlig dè b’ urrainn dhomh dèanamh ach rud beag a dh’ionnsachadh agus an tweet agam a chur a-mach sa chainnt sin? Bidh a h-uile latha na latha sgoile!

IMG_2068

Mus do dh’fhàg mi Sealtainn bha ùine agam a dhol a Scalloway far a bheil seann chaisteal a thog an t-Iarla Pàdraig (no “Black Patie”) ann an 1600. Bhiodh an caisteal miorbhaileach na latha, ach cha robh mòran ùine aig Pàdraig ann on a chroch iad e ann an 1615.

Anns a’ bhaile fhèin tha sràid rud beag mar Thobar Mhoire no Phort Rìgh ann leis na taighean dathte.

IMG_2066

Tha àitichean inntinneach agus seallaidhean bòidheach a dh’fhaicinn air feadh Alba agus ‘s e fear de rudan as fheàrr nam obair gum faigh mi cothrom a dhol a dh’iomadh àite far nach eil e coltach gun rachainn mura bithinn ag obair ann. Gu nàdarra, tha an obair fhèin math cuideachd!

Mairead NicEacharna

Oifigear Foghlam

Mairead.Mackechnie@scottish.parliament.uk

 

One thought on “A’ sealltainn air Sealtainn! #gàidhlig

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s