Tha Pàrlamaid na h-Alba gu bhith a’ gabhail pàirt ann an Là na Gàidhig a-màireach (21/4/16).
Bidh sinn a’ postadh anns a’ Ghàidhlig fad an latha. Mar as àbhaist, bidh fiosrachadh air Twitter aig @ParlAlba ach bidh sinn a’ tweeteadh sa Ghàidhlig air @ScotParl agus @EducationSP agus a’ cur susbaint suas air Instagram @EducationSP agus air duilleag Facebook na Pàrlamaid.
Bidh cuid den na rudan ag amas air luchd na Gàidhlig agus cuid eile ag amas air aire a thogail mun chànan am measg luchd na Beurla.
Cùm sùil air a’ bhloga a-màireach. Bidh sgeulachd againn mu thuras Mairead NicEacharna bho sgioba an Fhoghlaim gu Sealtain.

Literary quotes which adorn the Canongate wall of the Scottish Parliament. 09 June 2013. Pic – Andrew Cowan/Scottish Parliament
Bidh sinn a’ cur tòrr stuth a-mach sa Ghàidhlig a-màireach, ach cuimhnich gum faod thu do chuid Gàidhlig a chleachdadh còmhla ruinn latha sam bith!
Alasdair
gaidhlig@scottish.parliament.uk