Call na h-Iolaire – Dealbh-chluich ann am Pàrlamaid na h-Alba #gàidhlig


Bidh sgoilearan a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig ann an Àrd-sgoil Tynecastle agus Bun-sgoil Stenhouse ann an Dùn Èideann a’ tighinn gu Pàrlamaid na h-Alba le dealbh-cluich sònraichte mun HMY Iolaire an ath sheachdain.

14307772854_02d62f9627_z

Carragh-chuimhne an Iolaire, Eilean Leòdhais

Is e luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a th’ anns na cluicheadairean òga seo. Bidh an dealbh cluich, a mhaireas leth-uair a thìde, anns a’ Bheurla le faclan is abairtean anns a’ Ghàidhlig.

Is e seo am premiere mus tèid na sgoilearan air turas do na h-Eileanan Siar.

Bidh fios aig a’ mhòr-chuid de luchd na Gàidhlig air sgeulachd na h-Iolaire, bàta a bha a’ toirt sheòladairean Gàidhealach dhachaidh do na h-Eileanan Siar às dèidh a’ Chogaidh Mhòr ann an 1919 agus a chaidh air na creagan faisg air Steòrnabhagh. Chaidh 205 duine a mharbhadh, call a thug buaidh mhòr air na h-Eileanan chun an latha an-diugh.

Bidh an dealbh-chluich a’ gabhail àite ann am Pàrlamaid na h-Alba Diciadain 16 Màrt eadar 6 agus 6:30pm. Ma tha thu airson tighinn, cuir fios gu: 0131 348 6933 no eventsandexhibitions@scottish.parliament.uk. Tha tiocaidean saor is an-asgaidh.

Fhuair an dealbh-chluich seo taic airgid bho Bhòrd na Gàidhlig.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s