Pàrlamaid na h-Alba aig a’ Chruinneachadh @GatherScotland #gàidhlig


Tha bòrd fiosrachaidh aig Pàrlamaid na h-Alba aig a’ Chruinneachadh – the Gathering – am-bliadhna – 17/18 Gearran 2015.

CbWj2BlW4AAVBFj

‘S e a th’ anns a’ Chruinneachadh ach taisbeanadh is co-chruinneachadh airson na roinn saor-thoilich/carthannais ann an Alba. Tha e air a ruith le SCVO agus bidh na ceudan de bhuidhnean is na mìltean de dhaoine a’ tighinn ann gach bliadhna.

Bha latha gu math soirbheachail againn air a’ chiad latha den chruinneachadh agus tha sinn gu bhith air ais an-diugh (18/2/15).

CbaJGoqXEAA7x-A

Paul, Hayley agus Alasdair aig Sgioba Ruigsinn Pàrlamaid na h-Alba

Ma tha thu gu bhith aig a’ Chruinneachadh an-diugh, thig ann is bruidhinn ruinn ann an Gàidhlig no Beurla. Tha tòrr fiosrachaidh againn mun Phàrlamaid agus faodaidh sinn na ceistean agad a fhreagairt mun Phàrlamaid.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s