Foghlam Gàidhlig: Bile an Fhoghlaim aig Ìre 2 #gaidhlig


Dh’aithris sinn bho chionn goirid air Bile an Fhoghlaim aig Ìre 1, a’ coimhead air aithisg na comataidh (Comataidh Foghlam is Cultar) agus air an deasbad san t-Seòmar. Tha ullachaidhean anns a’ bhile seo a thaobh foghlam Gàidhlig. 

education bill gaelic

Aig ìre 1, bidh a’ Phàrlamaid a’ co-dhùnadh a bheil i ag aontachadh ri bun-phrionnsabalan a’ bhile. Fhuair Bile an Fhoghlaim aonta aig Ìre 1 agus tha am bile a-nis air gluasad air adhart gu Ìre 2.

Dè th’ ann an ìre 2?

Aig ìre 2, thèid beachdachadh mionaideach a dhèanamh air a’ bhile, loidhne air loidhne. Beachdaichidh a’ chomataidh air na h-atharrachaidhean a th’ air am moladh le BPAan agus faodaidh i an tuilleadh fianais a ghabhail ma roghnaicheas i sin a dhèanamh.

Bhruidhinn a’ chomataidh air na h-earainnean anns a’ bhile a thaobh foghlaim Gàidhlig Dimairt (01/12/15) agus bheachdaich is bhòt iad air grunn atharrachaidhean co-cheangailte ri foghlam Gàidhlig.

aithisg

Faodar an deasbad air fad a leughadh san aithisg oifigeil. Tha na h-atharrachaidhean uile rim faighinn air làrach-lìn a’ bhile agus chithear de na h-atharrachaidhean a chaidh aontachadh agus de an fheadhainn nach deach ann an geàrr-chunntas na coinneimh.

Nuair a tha Ìre 2 deiseil, thèid am bile air adhart gu Ìre 3 – seo deasbad leis a’ Phàrlamaid air fad san t-seòmar. Faodar atharrachaidhean a dhèanamh air a’ bhile aig an ìre seo cuideachd. Cha deach latha a chomharrachadh airson an deasbaid fhathast.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

 

One thought on “Foghlam Gàidhlig: Bile an Fhoghlaim aig Ìre 2 #gaidhlig

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s