Na h-abair ach beagan is abair gu math e! Bileag ùr do Bhuill #gaidhlig #gaelic


Ma tha thu air tighinn gu Pàrlamaid na h-Alba, is dòcha gum faca sibh na leacan air balla na Pàrlamaid air a’ Chanongate air a bheil earrannan (quotes) co-cheangailte ri Alba is a’ Phàrlamaid.

Nam measg, tha an seann-fhacal “Abair ach beagan is abair gu math e”.

SP Canongate Wall Quotes

 

Agus is e Abair Beagan an tiotal a th’ air an leabhran ùr a tha Pàrlamaid na h-Alba air cruthachadh do Bhuill is luchd-obrach Pàrlamaid na h-Alba.

Tha an leabhran beag seo loma-làn abairtean Gàidhlig a tha feumail airson cleachdadh ann an gnothaichean pàrlamaid agus ann an coinneamhan poblach.

abair beagan cover

Tha Abair Beagan ag amas air daoine nach eil fileanta sa chànan ach a tha ag iarraidh corra abairt a chleachdadh sa Ghàidhlig an siud is an seo ann an coinneamhan. Tha seo cumanta gu leòr ann an cuid de phàrlamaidean is seanaidhean eile, leithid Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh, Seanadh Èireann a Tuath agus an Tinbheal – pàrlamaid nàiseanta Eilean Mhanainn -far an cleachd cuid de na buill, gu h-àraidh an fheadhainn nach eil fileanta, abairt no facal no dhà ann an Cuimris, Gaeilge no Gàidhlig Mhanainn mus lean iad orra sa Bheurla.

Nuair a bha sinn a’ cur a’ bhileag ri chèile, thug sinn sùil air na h-abairtean a bhios na buill a’ cleachdadh ann an Èirinn a Tuath, a’ Chuimrigh agus ann am Manainn sna diofar chànainean.

Tha sinn an dùil is an dòchas gum bi an leabhran feumail agus gun cuir e ri cleachdadh is inbhe na Gàidhlig sa Phàrlamaid.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s